Ailtireachd

O Uicipeid
Parthenon anns a' Ghrèig

Is e a tha ann an Ailtire, fear (neo té) a dhealbhas togalaichean. Chanar Ailtireachd ris an saor seo, agus measar anns an latha an diugh gur e ealdhain (proifeasan) a tha ann. Tha an stoidhle ailtire dìonta ann an lagh na h-Alba agus iomadh dùthchannan eile. Tha sin ri ràdh, nach faod neach sam bith a chumail a-mach gur e ailtire a tha ann mur eil e na bhall de comann ailtireachd proifeiseanta na tìre. Feumaidh do ailtirean a chumail ri riaghailtean proifeiseanta anns an obair acasan, an da chuid, a dhìon muinntir na dùthcha bho dhroch ailtireachd agus a dhìon deagh ainm na h-ealdhain.

Tha eachdraidh na proifeasan seo ann an Eòrpa a' dol air ais ris na meadhan aoisean. B' e iadsan a ghin proifeasan na h-ailtireachd, mar a chì sinn i an diugh, na maighstir-clachairean a bha os cionn togail de Arosaibh (àrd-eaglaisean) eadar an 11mh cheud agus an t-Ath-Leasachadh anns an 16mh linn.

Ged a tha ailtirean air a bhith ri dealbhachadh togalaichean cudthromach os cionn ceudan nan bliadhna, chan ann gu tric a bhiodh iad a dealbhachadh taigheadas prìobhaideach ach airson daoine air leth bheartach. Is ann mar sin (ann an Alba mar eisimpleir), chithear seann taighean-mòra nan uachdaran a chaidh air dealbhachadh a rèir stoidhlean, a bha fasanta 'san latha air feadh na h-Eòrpa, ach far a bheil taighean co-aimsireil nan daoine cumanta fhathast maireannach lorgar gu bheil na taighean beag seo a' leantainn cruth cumanta na sgìre. Mar is tric tha na stoidhlean ionadail seo a' comharrachadh, chan ann a-mhàin linn an togail ach an stuth togail a bha so-gheibhte gu saor anns an sgìre aig an àm.

Sgoiltean Ailtireachd[deasaich | deasaich an tùs]

Ailtirean Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Ailtirean sa 20mh linn[deasaich | deasaich an tùs]

Ailtirean sa 21mh linn[deasaich | deasaich an tùs]