Achadh Mharasdail
Coltas
| Achadh Mharasdail | |
| Achadh Bhàrrasdail | |
| Ainm Beurla: Achvarasdal | |
![]() | |
| 58°33′33″N 3°45′11″W | |
| Suidheachadh | |
| Comharradh-clèithe | NC985647 |
| Dùthaich | |
| Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
| Siorrachd | Gallaibh |
| Paraiste | Meadhrath |
| Sgìre Phàrlamaid na h-Alba | Gallaibh, Cataibh agus Ros |
| Sgìre Phàrlamaid na RA | Gallaibh, Cataibh agus Ros an Ear |
| Ainm | |
| Roimhearach | ann an Achadh Mharasdail |
| Ginideach | muinntir Achadh Mharasdail |
| Feartan fiosaigeach | |
| Àireamh-shluaigh | |
| Còd-puist | KW14 7 |
'S e baile ann an Gallaibh a tha ann an Achadh Mharasdail [1] no Achadh Bhàrrasdail[2] (Beurla: Achvarasdal). Tha e suidhichte mu 3 mìle (4.8 km) iar air Meadhrath. Deas air a' bhaile tha Achiegullan Burn agus Burn of Isauld ann. Tha Loch Achbuiligan tuath air Achadh Bhàrrasdail. Deas air a' bhaile chithear Achvarasdal House. Lorgadh dà thùrsa [3] agus borg bho Linn an Iarainn[4] faisg air an taigh seo.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Achvarasdal - Achadh Mharasdail”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 26mh dhen Fhaoilleach 2026.
- ↑ MacIlleathain, Ruairidh: “A’ Ghàidhlig is Lochlannais air Aghaidh na Tìre; Ainmean-àite ann an Gallaibh, Cataibh is Dùthaich MhicAoidh” (Gàidhlig is Beurla), td. 31. NàdarAlba. Air a thogail 28mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ “Achvarasdal Lodge” (Beurla). Canmore. Air a thogail 8mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ “Broch, Achvarasdal House”. Clàr den Àrainneachd Eachdraidheil. Air a thogail 8mh dhen Ghearran 2017.
