Jump to content

A' Chananaich

O Uicipeid
A' Chananaich
Ainm Beurla: Fortrose

Àrd-eaglais anns a' Chananaich
Map
A' Chananaich is located in Alba
A' Chananaich
A' Chananaich (Alba)
57°34′53″N 4°7′57″W
Suidheachadh
Comharradh-clèithe NH 726 568
Dùthaich Alba
Comhairle A' Ghàidhealtachd
Siorrachd Ros is Cromba (Ros an Ear)
Paraiste Ros Maircnidh
Ainm
Roimhearach anns a' Chananaich
Ginideach muinntir na Cananaich
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,590
Àireamh fòn 01381
Còd-puist IV10

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha anns a' Chananaich (Beurla: Fortrose)[1][2][3]. Tha am baile suidhichte air bruach Linne Mhoireibh air an Eilean Dubh eadar Abhach agus Ros Maircnidh. Tha e mu 10 km san àird an ear-thuath Inbhir Nis. Anns a' bhliadhna 2020 bha 1380 duine a' fuireach an seo.[4]

Tha am baile ainmeil airson na h-àrd-eaglaise a chaidh a thogail anns an 13mh linn. Anns an 17mh linn rinn Oliver Cromwell sgrios mòr air an togalach, bhris e na clachan às na bailtean airson an dùin ann an Inbhir Nis a thogail. An-diugh tha na tobhtaichean fo chùram Alba Aosmhor. Tha meadhan a' bhaile, eadar Castle Street, St Andrew’s Walk agus High Street na raoin-ghlèidhteachais. Tha sin a' gabhail a' chalaidh cuideachd [5].

Anns na Meadhan-aoisean bha na h-easbaigean dhen t-Siorrachd Rois a' fuireach anns a' Chananaich. Canar gun do dh’fhuirich Coinneach Odhar an seo cuideachd.

Còmhla ri Ros Maircnidh tha raon-goilf aige.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Fortrose - A' Chananaich”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Iuchar 2020.
  2. SMO
  3. Ross, David (2001): “Fortrose”, Scottish place-names. Dùn Èideann: Birlinn, td. 92. ISBN 1-84158-173-9.
  4. Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Clàran Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen t-Sultain 2024.
  5. Fortrose (Beurla). Comhairle na Gàidhealtachd. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2017.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: