A' Hobat
| A' Hobat, no A-null 's Air Ais A-rithist | |
| Fiosrachadh | |
| Sgrìobhadair | J. R. R. Tolkien |
| Bliadhna Foillseachaidh | 1937 |
| Cànan | Beurla |
| Dùthaich | |
| Gnè-sgrìobhaidh | Nobhail fantasachd |
'S e leabhar fantasachd a th' anns A' Hobat, no A-null 's Air Ais A-rithist (The Hobbit, or There and Back Again) a chaidh fhoillseachadh le J. R. R. Tolkien ann an 1937. Chaidh còrr is 100 millean lethbhreac dhen leabhar a reic bhon a sin.
Tha an leabhar stèidhichte ann am Meadhan-talmhainn, agus e a' leantainn turas Bhiolbo Bagainn, hobat - creutair goirid coltach ri duine, le casan ròmach - a tha a' fuireach ann an toll san talamh anns an t-Siorrachd. Ged a tha Biolbo bho thùs rudeigin dèidheil air cofhurtachd na taighe, às dèidh beagan breugaidh tha e deònach a' falbh air turas le 12 troichean agus an draoidh Gandalf, gus an dràgon Smòg a ruagadh à seann àite-còmhnaidh nan troichean agus am mòr-ulaidh fhaighinn air ais.
Thairis air an turas, tha Biolbo agus na troichean a' coinneachadh ri iomadach diofar creutair, eadar mhath agus olc, agus gam faighinn fhèin a-mach à iomadach stailc, agus tron a h-uile duilgheadas, tha Biolbo a' fàs nas ealanta agus nas misneachaile, agus a' cosnadh cliù mar sin leis na troichean.
Eadar-theangachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Chuir an t-Oll. Moray Watson aig Oilthigh Obar Dheathain a' Ghàidhlig air le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean.[1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “"Leugh mi "a' Hobat" ann an naoi cànanan a-niste"”, Naidheachdan a' BhBC. 24mh dhen Ghiblean 2025. Air a thogail 24mh dhen Ghiblean 2025.