Jump to content

A' Chairtbheil ann am Farpais Òran Eurovision

O Uicipeid
A' Chairtbheil ann am
Farpais Òran Eurovision
Farpais Òran Eurovision
 
 
Craoladair poblach Georgian Public Broadcaster (GPB)
Ceannard a' bhuidhinn-riochdachaidh Natia Mshvenieradze (2018-)
Nochdaidhean 17 (8 finalaichean)
A' chiad nochdadh 2007
Rang as àirde 9mh: 2010, 2011
Rang as ìsle 18mh anns an SF: 2018, 2022
Com-pàirteachadh mu dheireadh

Tha a' Chairtbheil air pàirt a ghabhail ann am Farpais Òran Eurovision seachd uairean deug. 'S e Georgian Public Broadcaster (GPB) an craoladair poblach a bhios ga riochdachadh.

Tha a' Chairtbheil air tighinn tron semi-final ochd uairean, a' co-dhùnadh a-steach anns na deich rangan às àirde dà uair, le "Shine" le Sofia Nizharadze (2010) agus "One More Day" le Edrine (2011).

Ghabh a' Chairtbheil pàirt anns an fharpais airson a' chiad turais anns an eagran 2007 ann an Helsinki, Suòmaidh às dèidh gun do ghairm Georgian Public Broadcaster gu robh e air cead fhaghainn airson com-pàirteachadh an 27mh dhen Dàmhar 2006[1].

An ath bhliadhna, air sgàth cogadh 2008 Osàidea a Deas, cha robh fios co-dhiù bha i a' dol a bhith aig an eagran 2009 ann am Mosgo, an Ruis[2]. Thuirt ceannard GPB nach bu mhì-reusanta leis gun tarraingeadh an craoladair a chom-pàirteachadh air ais, ach gun robh e fo chuingealachdan-ama[3]. An 28mh dhen Lùnastal 2008, ghairm GPB nach robh e airson pàirt a ghabhail ann an "dùthaich a bhriseas còirean a' chinne-daonna agus lagh eadar-nàiseanta"[4][5][6]. Às dèidh gun do bhuannaich a' Chairtbheil eagran 2008 Farpais Òrain Junior Eurovision, ged-tà, agus ise a' faighinn 12 phuing, cuid as motha dhe phuingean, bhon Ruis, thugadh misneachadh dhi a bhith pàirteach[7][8].

Chaidh "We Don't Wanna Put In" le Stephane & 3G a thaghadh às dèidh show-ròghnachaidh nàiseanta[9][10][11], ach thog an t-òran aimhreit nuair a dh'aithriseadh do dh'Aonadh Craoladair na h-Eòrpa gum b' e iomradh air Vladimir Putin, ceann-suidhe na Ruise, a bh' ann[12][13]. Bha na seinneadairean mar fhiachaibh na faclan atharrachadh neo òran ùr a thaghadh[14][15]; cha do dh'aontaich an craoladair Cairtbheileach le dhèanamh seo agus e ag ràdh nach robhar ag iarraidh ach airson gun robh an Ruis air a bhith a' cuir ìmpidh air ACE. Leis sin, dh'fhàg a' Chairtbheil eagran Mhosgo an 11mh dhen Mhàrt[16] agus thill i a ruigsinn an àite as àirde aice air an sgòr-bhòrd gu ruige seo ann an Oslo, Nirribhidh.

Foir-shealladh com-pàirteachaidh

[deasaich | deasaich an tùs]
Iuchair a' chlàir
1 A' chiad àite An àite mu dheireadh
2 An dàrna àite X Cha do chom-pàirtich
3 An treasamh àite Tachartas a' tighinn
Bliadhna Neach-taisbeanais Òran Cànan Final Pngn Semi Pngn
2007 Sopho "Visionary Dream" Beurla 12 97 8 123
2008 Diana Gurtskaya "Peace Will Come" Beurla 11 83 5 107
2009 Stephane and 3G "We Don't Wanna Put In" Beurla Air a tharraingt às X
2010 Sofia Nizharadze "Shine" Beurla 9 136 3 106
2011 Eldrine "One More Day" Beurla 9 110 6 74
2012 Anri Jokhadze "I'm a Joker" Beurla, Cairtbheilis Cha tàinig e troimhe 14 36
2013 Nodi Tatishvili agus Sophie Gelovani "Waterfall" Beurla 15 50 10 63
2014 The Shin agus Mariko "Three Minutes to Earth" Beurla Cha tàinig e troimhe 15 ◁ 15
2015 Nina Sublatti "Warrior" Beurla 11 51 4 98
2016 Nika Kocharov agus Young Georgian Lolitaz "Midnight Gold" Beurla 20 104 9 123
2017 Tamara Gachechiladze "Keep the Faith" Beurla Cha tàinig e troimhe 11 99
2018 Ethno-Jazz Band Iriao "For You" Cairtbheilis 18 ◁ 24
2019 Oto Nemsadze "Keep On Going" Cairtbheilis 14 62
2020 Tornike Kipiani "Take Me as I Am" Beurla Farpais air a cur dheth X
2021 Tornike Kipiani "You" Beurla Cha tàinig e troimhe 16 16
2022 Circus Mircus "Lock Me In" Beurla 18 ◁ 22
2023 Iru "Echo" Beurla 12 33
2024 Nutsa Buzaladze "Firefighter" Beurla 21 34 8 54
2025 Mariam Shengelia "Freedom" Cairtbheilis, Beurla Cha tàinig e troimhe 15 28
2026 Bzikebi "On Replay" Beurla TBA

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. West-Soley, Richard (27mh dhen Dàmhair 2006): Georgia set on 2007 (Beurla). ESCToday. Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2026.
  2. Economou, Thesias (11mh dhen Lùnasdal 2008): Georgian participation in Eurovision 2009 now questioned (Beurla). Oikotimes. Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2026.
  3. Georgia ally Estonia could boycott 2009 Eurovision in Moscow (Beurla). Georgian Daily (21mh dhen Lùnasdal 2008). Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2026.
  4. Georgia broadcaster confirms Eurovision boycott (Beurla). ESCKaz.com (28mh dhen Lùnasdal 2008). Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2026.
  5. Tongeren, Mario van (28mh dhen Lùnasdal 2008): GPB officially withdraws from Eurovision 2009 (Beurla). Oikotimes. Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2026.
  6. Viniker, Barry (28mh dhen Lùnasdal 2008): Georgia will not participate in Moscow Eurovision (Beurla). ESCToday. Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2026.
  7. Konstantopoulos, Fotis (19mh dhen Dùbhlachd 2008): Georgia: GPB proudly changes decision and enters Eurovision 2009 (Beurla). Oikotimes. Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2026.
  8. Floras, Stella (19mh dhen Dùbhlachd 2008): Georgia returns to the Eurovision Song Contest (Beurla). ESCToday. Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2026.
  9. Bray, Marco (18mh dhen Ghearran 2009): Stephane & 3G to represent Georgia in Moscow (Beurla). Aonadh Craoladh na h-Eòrpa. Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2026.
  10. Marcus, Klier (18mh dhen Ghearran 2009): Georgia: Stephane & 3G to Eurovision (Beurla). ESCToday. Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2026.
  11. Fisher, Luke (18mh dhen Ghearran 2009): Stephane & 3G wins Georgian national final; listen to the song (Beurla). Oikotimes. Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2026.
  12. Lewis, Daniel (10mh dhen Mhàrt 2009): Georgian Eurovision entry sparks news frenzy (Beurla). ESCToday. Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2026.
  13. Putin jibe picked for Eurovision (Beurla). BBC News (19mh dhen Ghearran 2009). Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2026.
  14. Bakker, Sietse (10mh dhen Mhàrt 2009): Georgian song lyrics do not comply with Rules (Beurla). Aonadh Craoladh na h-Eòrpa. Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2026.
  15. Viniker, Barry (10mh dhen Mhàrt 2009): EBU rejects Georgia Eurovision entry (Beurla). ESCToday. Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2026.
  16. Georgia drops out of Eurovision over Putin song (Beurla). AFP (11mh dhen Mhàrt 2009). Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2026.