Jump to content

Walter Scott

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 20:46, 30 dhen Chèitean 2018 le CreagNamBathais (deasbaireachd | mùthaidhean) (is smachd ùghdarrais)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Walter Scott
britheamh

Beatha
Breith Dùn Èideann, 15 dhen Lùnastal 1771
Dùthaich  Alba
Àite-fuirich Taigh Àth an Aba
Ciad chànan Beurla
Bàs Taigh Àth an Aba, 21 dhen t-Sultain 1832
Àite-adhlacaidh Dryburgh Abbey (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (stròc)
Teaghlach
Athair Walter Scott
Màthair Anne Rutherford
Cèile Charlotte Genevieve Charpentier (en) Translate  (1797 -
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
Jordan High School (en) Translate
Kelso High School (en) Translate
An Àrd-sgoil Rìoghail
University of Edinburgh School of Law (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd bàrd, sgrìobhaiche-dràma, cànanaiche, eadar-theangair, nobhailiche, eòlaiche-ciùil, beatha-eachdraiche, sgrìobhadair, britheamh, neach-lagha a tha na b(h)àid, neach-lagha, eachdraiche, breithniche litreachais agus sgrìobhadair sgeulachdan goirid
Àitichean-obrach Alba
Obraichean comharraichte Waverley (en) Translate
Rob Roy (en) Translate
Ivanhoe (en) Translate
Old Mortality (en) Translate
The Lady of the Lake (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Buaidh King James Version (en) Translate
Ballrachd Roinn nan Tagraichean-lagha
Saor-chlachaireachd
Comann Rìoghail Dhùn Èideann
Celtic Society (en) Translate
Bannatyne Club (en) Translate
Gluasad romantaigeachd
Far-ainmean Jedediah Cleishbotham, Laurence Templeton, Somnambulus, Malachi Malagrowther, Clutterbuck agus Lawrence Templeton
Gnè ealain ur-sgeul eachdraidheil
bàrdachd
tèatar
romantaigeachd
IMDb nm0779797

B' e nobhailiche agus bàrd Albannach a bha anns an Ridire Walter Scott (15 an Lùnastal 177121 an t-Sultain 1832). Bha nobhailean agus bàrdachd Scott air leth soirbheachail air feadh na Roinn Eòrpa.

Rugadh e ann an Dùn Èideann, Alba. Fhuair e foghlam aig Oilthigh Dhùn Èideann agus rinn e ceum ann an lagh. Phòs e Charlotte Carpenter ann an 1797. Gu ruige 1826, bha e a' fuireach ann an Dùn Èideann. Ann an 1811, cheannaich e Cartley Hole Farm - ach thug e an t-ainm 'Abbotsford' air agus dh'imrich an teaghlach ann an 1812. Thachair e ri Seumas Hogg agus bha iad nan caraidean. Ged a bha na leabhraich aige glè shoirbheachail, bha trioblaidean mòra aige a thaobh airgid bho 1826. Chaochail e ann an 1832 aig Abbotsford agus chaidh a thìodhlacadh ann an Abaid Dryburgh.

Taigh Walter Scott - Abbotsford

Scott agus Alba

[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1818, bha Scott na cheannard na sgioba a lorg seudan na h-Alba a bha air a bhith air chall. Chaidh an lorg ann an Caisteal Dhùn Èideann. Nuair a thadhail Rìgh Seòras IV air Dùn Èideann ann an 1822, bha Walter Scott 'n sàs ann an eagrachadh na cuirme. B' e seo a' chiad turas a chaidh rìgh Hanobharach a dh'Alba airson tadhail oifigeil.

Sgrìobhadh

[deasaich | deasaich an tùs]

An toiseach, bha Scott ainmeil mar bhàrd, ged a tha na nobhailean aige nas ainmeile a-nis. Thòisich e ri bàrdachd nuair a bha e fhathast glè òg. Ann an 1800, dh'fhoillsich e cruinneachadh de bhaileadan, Minstrelsy of the Scottish Border. Bha ùidh mhòr aig Scott ann am beul-aithris nan Crìochan. Nuair a bha e na bhalach, chuir e seachad ùine mhòr ann an Sandyknowe còmhla ri a sheanmhair agus piuthar-màthar. Bha e a' cruinneachadh nan seann bhaileadan agus bha e glè mheasail orra, ach bha e gan 'deasachadh' agus gan 'leasachadh' cuideachd, gus am bi iad a' còrdadh ri luchd-leughaidh.

Ann an 1805, dh'fhoillsich Scott a' chiad dàn fada, The Lay of the Last Minstrel. Bha an dà chuid luchd-leughaidh agus luchd-sgrùdaidh a' moladh an dàin. Bha na dàin eile a dh'fhoillsich e soirbheachail cuideachd: Marmion (1808) agus The Lady of the Lake (1810).

Ann an 1814, dh'fhoillsich Scott Waverley, a' chiad nobhail aige, gu dìomhair. Bha Waverley air leth cudromach, oir b' e a' chiad nobhail eachdraidheil a bh' ann. Às dèidh Waverley, sgrìobh e iomadh nobhail eachdraidheil eile, 's iad a' gabhail àite ann an Alba: Rob Roy, The Heart of Midlothian, The Bride of Lammermoor no Old Mortality.

Buaidh Walter Scott

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Gaetano Donizetti - Lucia di Lammermoor
  • Rob Roy (1992)

Leabhar-chlàr

[deasaich | deasaich an tùs]

Nobhailean Waverley

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]