Jump to content

Tuaim

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 15:58, 27 dhen Dùbhlachd 2021 le Aerchasúr (deasbaireachd | mùthaidhean)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Tuaim
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Ceàrn Contae na Gaillimhe
Sgìre Cúige Chonnacht
Co-chomharran 53° 31 00′ Tuath
8° 51 00′ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 8,767 (2016)
Àireamh fòn 00 353 093
Duilleag oifigeil http://www.galway.ie/

'S e baile beag ann an ceann a tuath Chontae na Gaillimhe, sa Chúige Chonnacht, air an àirde an iar na h-Èireann a th' ann am Tuaim[1] (Seann Ghàidhlig: Tuaim Dá Ghualann). Tha e suidhichte aig 45m os cionn ìre na mara,[2] ri taobh na h-Aibhne Nanny,[3] 193km air falbh bho Dhoire, 30km bho Ghaillimh, 181km bho Chorcaigh agus 173km bho Bhaile Átha Cliath, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Tha 8,242 duine a’ fuireach an seo.[5] Gu h-inntinneach, tha dà chathair-eaglais sa bhaile, tè Chaitligeach agus tè eile a bhuineas don Eaglais Easbaigeach.

Ann an 1613 thug an rìgh Seumas VI cead dhan bhaile agus dhan sgìre dithis bhall a thaghadh do Phàrlamaid na h-Èireann. Chuireadh às dhan phàrlamaid sin ann an 1800. Ann an 1920, chaidh talla a' bhaile a losgadh le daoine Constáblacht Ríoga na hÉireann an dèidh dhan IRA ionnsaigh a thoirt orra, mar phàirt a' chogaidh.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Logainm
  2. Falling Rain
  3. Galway News
  4. Global Feed
  5. CSO