Jump to content

Toirsgian

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 22:43, 11 dhen Dàmhair 2014 le TaxonBot (deasbaireachd | mùthaidhean) (minimal renamings)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)

Tha toirsgian na inneal sònraichte ri buann na mòna, bho aghaidh dìreach. Tha a chruth beagan coltach ri spaid fada seang uidheamaichte le lann beag ri taobh faobhar a phrìomh luinn. Tha an lann bheag coltach ri sgian, mu 150mm a dh'fhaid, 50mm an doimhne agus 4mm a thiughaid suidhichte ceart ceàrnag ris a' phrìomh lann. Mar sin, nuair a ghearrar fàd mòna far aghaidh a' bhruthaich bithidh an lann beag a' saoradh taobh an fhaid bhon bhruaich.

Mun tèid buann na mòna, rusgar am bruthaich le ceapa-mhara, neo (mar is tric an-diugh) le spaid.

Tha an dearbh inneal a' dol fo ainm tairisgeir (Leodhas), traisgeir (Eileanan Deas), tusker (Sealltainn) agus iarainn-mona (An t-Eilean Sgitheanach).