Rousse
Coltas
Русе Rousse
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Bulgàiria | ||||
Sgìre | Rousse | ||||
Co-chomharran | 43° 51’ Tuath 25° 58′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Àireamh-shluaigh | 178,435 (2001) | ||||
Àireamh fòn | + 359 082 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.ruse-bg.eu/ |
‘S e baile mòr ann an ceann a tuath Bhulgàiria[1] a th' ann Pусе neo Rousse (IPA: 'rusɛ, Rustschuk o shin Laideann: Sexaginta Prista). Tha daoine air a bhith nan tàmh san àite seo ro àm nan Greugach. Tha e suidhichte anns an roinn (Bulgàiris: Oblast) Rousse fhèin, eadar Giurgiu (Romàinia) agus Tsar Kaloyan, ri taobh na h-Aibhne Duna.[2] Tha Romàinia air an taobh thall na h-aibhne bho Rousse. Tha am baile fhèin aig dìreach 30m os cionn ìre na mara[3] 172km air falbh bho Varna agus 250km bho Shofia prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Tha 178,435 daoine a’ fuireach ann an Rousse,[5] an 5mh baile as motha na dùthcha.[6]
Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Elias Canetti: (1905–1994) Sgrìobhadair a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1981.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ SMO
- ↑ Bòrd Nàiseanta an Uisge, Romàinia
- ↑ Mongabay[dead link]
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Geohive
- ↑ Bailtean na Cruinne[dead link]