Jump to content

Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 02:21, 5 dhen t-Samhain 2023 le Alison (deasbaireachd | mùthaidhean) (Deasachaidhean a chaidh a thilleadh leis 154.190.95.9 (an deasbaireachd) dhan mhùthadh mu dheireadh le 109.149.6.17)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba
Fiosrachadh
Stèidheachadh 1998
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Còirichean na Mnathan
Feadaraileas
Neo-eisimeileachad
Poblachdas
Sòisealtaa
Oifisean Suite 370, 93 Hope Street, Glaschu, G2 6LD Alba
Cathraiche Cailean Fox, Sandra Webster
Suidheachain Dùn Èideann: 0
Lunnainn: 0 15
Bruiseal: 0
Riaghaltas Às an Riaghaltas

Tha Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba na phàrtaidh poileatagach ann an Alba. Tha PSA a' seasamh airson Alba neo-eisimeileach sòisealach a dhèanamh mar pàirt na shabaid air feadh an t-saoghal an aghaidh calpachais. Tha am pàrtaidh an sàs anns na h-iomairtean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta an aghaidh gabhail-brath agus eu-ceartais.Tha freumhan aig Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba air an taobh chlì den seann pàrtaidh Làboraich.

Chaidh am pàrtaidh a stèidheachadh mar toradh dhan cìs-ceanna a chuir an Riaghaltas aig Margaret Thatcher air Alba an 1988. Bha beachd làidir an Alba gun robh mi-cheartas anns an nos-cise seo, o chionn 's gu robh e a' cur eallach nas truime air daoine bochda na air daoine beartach. Chuir mòran daoine an aghaidh agus dhiùlt cuid am pàigheadh ('s a' chiad dol a-mach co-dhiù). Is ann a' Phollokshields an Glaschu a nochd an diùltadh as làidir, fo cheannard Tómas Sheridan a bha fada ri taobh chlì a' phartaidh Làboraich, choisinn e cliù air sgath a làidiread 's an stri shiud, a dh'adhbharaich 's na bliadhnaichean as deidh guth polataigeach (fo bratach a' phartaidh a stèidhich e) ri na daoine as na sgìrean bu mhìosail an Alba.

  • Airson biadh an asgaidh beathachail airson a h-uile sgoilear ann an Alba.
  • Airson a' cur às don ath-gabhalaichean.
  • Airson cìs-sheirbheis - siostam eile cheart an àite ris a' chìs-chomhairle gun dèan na beartaich an cuid a phàigheadh.
  • Airson taigheadas ciatach le gach. - Cuir an aghaidh reic thaighean-chomhairle.
  • Sgur na prìobhaideachadh air seirbeisean-comanta.
  • Lagha-drogaichean ath-leasachadh - geàrr a' cheangail leis na luchd-malairt - cainb-lus a dhèanamh laghail.
  • Cuir an aghaidh gràin-chinnidh - tha fàilte air luchd-siubhal chomraich.
  • Cuir an aghaidh cogaidh - Sgur a' chogaidh aig Blair is Bush.
  • Dìlseachd le feadhainn a' strì airson ceartas air feadh an t-saoghal - an am Palestine, Colombia agus àiteachan eile air tuilleadh.

Airson nan taghaidhean 2016 tha AM PPA na phàirt RISE, caidreachas na làimhe chlì.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]


Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]