Jump to content

Lund

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 06:37, 3 dhen Dàmhair 2022 le InternetArchiveBot (deasbaireachd | mùthaidhean) (Rescuing 3 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.2)
Lund
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Ceàrn Skåne
Sgìre Skåne län
Co-chomharran 55° 42 00' Tuath
13° 12 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 25.75 km²
Àireamh-shluaigh 82,800 (2010)
Dlùths 3,215.53/km²
Àireamh fòn (+ 46) 35
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile[1] mòr air an àirde an iar-dheas na Suaine a th'ann an Lund (IPA: lɵnd, Liotuànais: Lundas, Laideann: Lunda). Tha e suidhichte air faisg air Malmö, aig 51m os cionn ìre na mara,[2] anns an roinn (Suainis: län) Skåne,[3] 497km air falbh bho Stockholm (prìomh-bhaile na dùthcha), 531km bho Uppsala, 236km bho Göteborg, 49km bho Helsingborg, agus 1,215km bho Bhoden.[4] Tha 82,800 duine a' fuireach anns a'bhaile fhèin agus 112,950 san sgìre air fad.[5] 'S e an 11mh baile as motha na Suaine a tha ann cuideachd.[6]

Freumhan an Ainm

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à lundr (Gàidhlig: coille) ann an Lochlannais a tha an t-ainm.[7]

Eachdraidh

Thathar dhen bheachd gun do stèidheachadh Lund mu 990 agus thogadh cathair-eaglaise an seo bho 1090 gu 1145.[8] A bharrachd air sin, chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an 1666, am fear as motha ann an Lochlann air fad gus ar làithean.[9]Chaochail an cànanaiche Nils Holmer - a bha na oileanach agus na ollamh aig Oilthigh Lund - an seo ann an 1994.

Daoine Ainmeil

Bailtean co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Svensk Geografi
  2. Mongabay
  3. Nationalencyklopedin
  4. Distance Calculator
  5. Statistika Centralbyrån
  6. Tageo
  7. Runeberg
  8. Lunds Domkyrka
  9. Lunds Universitet
  10. IMDB
  11. Câmara Municipal de Coimbra

Ceanglaichean a-mach