Leonid Brezhnev
B' e saighdear cliùiteach, innleadair agus neach-poileataigs Ucràineach/Sobhiatach a ghabhadh ri co-mhaoineas a bh' ann an Leonid Ilyich Brezhnev (Ucràinis: Брежнєв Леонід Ілліч, IPA: lʲɪɐˈnʲit ɪˈlʲjitɕ ˈbrʲeʐnʲɪf, Kamianske, 19 an Dùbhlachd 1906 - Zarechye, 10 an t-Samhain 1982). Bhuinneadh a phàrantan gu Brezhnevo, thall san Ruis. Fhuair Brezhnev a chuid foghlaim sa Cholaiste Mheatailteachd ann an Kamianske. B' ann dlùth air Nikita Hruŝëv s' a bha Brezhnev agus nuair a dh' eug Hruŝëv fhuair Brezhnev a dhreuchd.[1] Fhad 's a bha Brezhnev os cionn a' Phàirtigh agus an riaghaltais, bho 1964 gu ruige 1982, bha an riaghaltas gu math seasmhach fad bliadhnaichean ach anns an dealachadh dh' fhàs an dùthaich stagnach.[2] Chaidh a thiodhlacadh ann an rèilig sa Kremlin.
Iomraidhean
- ↑ Taubman, William (2003). Khrushchev: The Man and His Era. W. W. Norton & Co, ISBN 978–039332484
- ↑ Bacon, Edwin; Sandle, Mark (2002). Brezhnev Reconsidered, Palgrave Macmillan, ISBN 033379463X.