Jump to content

Gotha

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 21:59, 15 dhen Fhaoilleach 2024 le InternetArchiveBot (deasbaireachd | mùthaidhean) (Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Gotha
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Gotha
Sgìre Thüringen
Co-chomharran 50° 56' 56' Tuath
10° 43' 06' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 69.52 km²
Àireamh-shluaigh 44,325 (2013)
Dlùths 637.59/km²
Àireamh fòn +49 (0)3621
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile meadhanach faisg air Eisenach agus Erfurt ann an cridhe na Gearmailte a th’ ann an Gotha (IPA: ɡoːtaː). Tha e suidhichte aig 300m os cionn ìre na mara, 122km bho Altenburg, 44km bho Weimar, 169km bho Nürnberg agus 256km bho Bherlin.[1] Tha 44,325 duine a' fuireach ann.[2]

Chaidh Gotha a chlàradh airson a' chiad turais air 25 an Dàmhair 775 mar Villa Gotaha, ann an sgrìobhainn aig Teàrlach Mòr.[3] Tha Villa a' ciallachadh taigh ann an Laideann agus tha gotaha a' ciallachadh deagh uisgeachan ann an t-seann Ghearmailtis. Chan eil Gotha idir faisg air abhainn agus chuireadh sin bacadh air malairt, a bharrachd air duilgheadasan a thaobh solar uisge. Le sin, thogadh canal ann an 1369, a' toirt uisgeachan nan aibhnichean Hörsel agus Apfelstädt às na coilltean a tha còrr is 25km bho Ghotha. Thug sin piseach air eaconomaidh na sgìre. Chaidh abaid a thogail an seo ann an 1251, ach chaidh a leigeil bàn ri linn an Ath Leasachaidh ann an 1525. Thoisich An t-Ath Leasachadh an seo ann an 1515 nuair a shearmonaich Martin Luther anns a' bhaile.[4] Eadar 1572 agus 1680 bha Gotha na phàirt Sachsen-Coburg. Rinn Cogadh nan 30 Bliadhna droch bhuaidh air a' bhaile. B' e prìomh-bhaile na Diùcachd Sagsainn-Gotha-Altenburg a bh' ann bho 1680 gu ruige 1826. Chaidh a' chiad Almanach de Gotha fhoillseachadh an seo ann an 1763.[5] Chaidh am baile a thoirt a-steach gu Thüringen ann an 1920, an dèidh Ar-a-mach na Gearmailt.[6]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Luft Linie
  2. Destatis
  3. Rennsteigtipp[dead link]
  4. Luther in Thüringen
  5. Gotha 1763
  6. Novemberrevolution

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]