Jump to content

Dà-chànanas

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 05:52, 16 dhen Fhaoilleach 2020 le YiFeiBot (deasbaireachd | mùthaidhean) (Bot: Migrating 1 langlinks, now provided by Wikidata on d:q30081; 10 langlinks remaining)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Sanas-rathaid dà-chànanach ann am Bruiseal

Tha dà-chànanas a' ciallachadh gu bheil duine fileanta ann an dà chànan agus air an togail bho aois thràth. Tha mu 66% de dhaoine air feadh an t-saoghal dà-chànanach no iomadh-chànanach. Le dà-chànanas thathar a' ciallachadh comasan cànain duine fa-leth. Tha diofar mhìneachaidhean den fhacal ann ge-tà:

A-rèir Joshua Fishman chan e ceist a th' ann mu duine no comann. Dha rèir-san tha dà-chànanas a' ciallachadh gu bheil coimhearsnachd, dùthaich no comann eile dà-chànanach ma tha dà chànan co-ionnan a thaobh inbhe agus nach eil diofar chànanan air an cleachdadh ann an diofar roinnean (m.e. roinn prìomhaideach: taigh, coimhearsnachd, teaghlach; roinn phoblach: sgoil, riaghaltas, oifis). 'S e eisimpleir de dh'àite dà-chànanach a th' anns a' Bhruiseal agus Barcelona agus gu ìre Catalònia. Ma thathar a' cleachdadh cànan diofraichte ann an roinnean diofraichte, thathar a' bruidhinn mu dhà-theangachas.