An Dàrna Cogadh
An Dàrna Cogadh | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
| |||||||
Luchd-cogaidh | |||||||
An Caidreachas: | *a' Ghearmailt |
'S e cogadh mòr a bha anns An Dàrna Cogadh, eadar 1939 agus 1945 eadar dùthchannan a' Chaidreachais is a' Ghearmailt, An Eadailt agus Iapan. 'S e an cogadh a bu sgriosaile a thachair ann an eachdraidh an t-saoghail. Chaill còrr is 60,000,000 am beatha 's cha robh ceàrn an t-saoghail nach do dh'fhairich a bhuaidh. Bha feachdan an Fhaisisteachais, an Deamocrasaidh agus an Co-mhaoineas a' sabaid ri chèile sa chogadh.
An Cùmhnant Munich
29mh an t-Sultain, 1938, chuir Neville Chamberlain (A' Bhreatann Mhòr), Édouard Daladier (An Fhraing), Adolf Hitler (A' Ghearmailt) is Benito Mussolini (An Eadailt) An Cùmhnant Munich (Seicis: Mnichovská dohoda; Beurla: Munich Agreement) air bhonn. A rèir An Cùmhnant Munich, fhuair Adolf Hitler sgìrean faisg air na crìochan far a bheil sluagh Ghearmailtrach a' fuireach, Sudetenland, bhon t-Seic-Slòbhac (Czechoslovakia).
Is e an t-Uile-losgadh (Eabhra: haSho'ah, השואה) an scrios is murt den Iùdhaich Eòrpach a rinn na Nàsaich agus na luchd sin gun do phàirtich am beachd nan Nàsaich den linn an Dàrna Cogadh. Bha gràin mòr aig na Nàsaich air Iùdhaich sa' bheachd-smaoinealas agus sluagh-iùlach aca bho thùs, agus sgrìobh Adolf Hitler air a' chuspair sin san leabhar leis - Mo Chath Fhein (Mein Kampf). Smaoinich iad gun do rinn na Iùdhaich brath air a' Ghearmailt san Chiad Cogadh. Air sgath sin, rinn na Nàsaich iomairt bruideal is luath, a' cur muileannan de Iùdhaich ri campaichean-braighdeanais, agus gan marbhadh, a' mhorchuid le gas nimheil. Còmhla leis na h-Iùdhaich, dh'iarr na Nàsaich cuideachd a mharbhadh na Giofagan, Pòlainnich dhùthchasach agus Slàbhaich eile, prìosanaich-cogaidh on t-Aonadh Sobhiat, Comannaich, Clachairean, fir cho-sheòrsach, Pàpanaich, ciorramaich, agus daoine eile gum foillsicheadh maoidheadh ris na Nàsaich 'nan tòrachd airson chumhachd.
Bha na Nàsaich a' stèidheachadh campaichean-braighdeanais air feadh meadhan na Roinn-Eòrpa, mar eisimpleir Auschwitz-Birkenau, Majdanek, Chelmno, Sobibór, Treblinka is Belzec anns A' Phòlainn, Theresienstadt / Terezín anns an t-Seic-Slòbhac (Czechoslovakia), Mauthausen anns An Ostair agus Buchenwald, Bergen-Belsen, Dachau, Flossenbürg, Ravensbrück is Sachsenhausen anns A' Ghearmailt fhèin.
An Dàrna Cogadh ann an litreachas
Litreachas Gàidhlig
Rosg Gàidhlig
- Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill. Fo Sgàil a’ Swastika. Steòrnabhagh: Acair Earranta, 2000. Eachdraidh-beatha an saighdeir.
- Anndra A. Dunn. Còisir nan Gunna. Steòrnabhagh: Acair Earranta, 2013. An nobhail.
- Tormod E. Dòmhnallach (2014): Eadar Clachan Shannda agus Tobar na Màthar. Acair. Air a thogail 24mh dhen Mhàrt 2017.
Bàrdachd Ghàidhlig
- Deòrsa mac Iain Dheòrsa. "Bizerta" is eile
- Somhairle MacGill-Eain. "Latha Foghair"; "Glac a' Bhàis"; "Gluaisibh gu Deas"; "Curaidhean"; "Alasdair MacLeòid"; "Dol an Iar"
- Calum Mac an Tòisich. "'S fhada bhuamsa thar a' chuain" aig Bliadhna nan Òran (BBC)
Litreachas Aimeireaganach
- William Styron. Sophie's Choice.
- Joseph Heller. Catch 22.
- Anthony Hecht. "Rites and Cereminies", "More Light! More Light!"
Litreachas Pòlainneach
- Jerzy Kosiński. The Painted Bird.
- Władysław Szpilman. The Pianist.
Litreachas Eile
- Anne Frank, The Diary of a Young Girl (1944)
- Vercours, Le Silence de la mer ("Sàmhachd na mara") (1941)
Ceanglaichean a-mach
- Education Scotland: Eachdraidh na h-Alba: An Dara Cogadh
- BBC Alba: Strì gu Sìth 1939 - 1945: làrach-lìn Ghàidhlig mun Dàrna Cogadh
- Bàrdachd mu An Dàrna Cogadh le Somhairle MacGill-Eain air loidhne