Ailig Salmond
'S e neach poileataigs a tha ann an Ailig Salmond (Beurla: Alex Salmond).
Bha e 'na Phrìomh-Mhinistear ann an Riaghaltas na h-Alba, bhon Chèitein 2007 gu ruige 19 an t-Samhain 2014.
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh agus thogadh e ann an Gleann Iucha agus bha e na oileanach aig Oilthigh Chill Rìmhinn far an do dh'ionnsaich e eaconomachd agus eachdraidh meadhan-aoiseil. An dèidh an oilthigh dh'obair e mar eaconomaiche ann an seirbheis chatharra agus airson Banca Rìoghail na h-Alba. Ghabh e mar bhall ann am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba nuair a bha e na oileanach.
Ann an 1987 chaidh e a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid airson Banbh agus Buchan. Chaidh e na cheannard air an SNP ann an 1990. Chaidh a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid na h-Alba ann an 1999 agus leig e dheth ceannardas an SNP ann an 2000. Thill e air ais gu ceannardas ann an 2004. Ann an 2007 B' e an SNP am pàrtaidh a bu mhotha ann am Pàrlamaid na h-Alba agus dh'ainmicheadh e mar Phrìomh-Mhinistear. An dèidh don SNP an taghadh 2011 a bhuannachadh, dh'eagraich Riaghaltas na h-Alba reifreann air neo-eisimeileachd. Às déidh dhan bhòt san reifreann a dhol ’na aghaidh, thuirt e gum biodh e a' leigeil dheth a dhreuchd mar cheannard a' Phàrtaidh Nàiseanta san t-Samhain, agus às déidh sin a dhreuchd mar Phrìomh-Mhinistear na h-Alba.
Bha e 'na Bhall Pàrlamaid airson Gòrdan eadar 2015 agus 2017.[1] Mar BhPA riochdaich e Siorrachd Obar Dheathain an Ear agus Gòrdan.
Chaidh Ailig Salmond na cheannard am Pàrtaidh Alba ann an 2021.[2]
Phòs e Moira McGlashan, àrd-sheirbheiseach catharra, ann an 1981.
Connspaid is casaidean
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh a shaoradh bho 13 casaidean drabastachd ann an 2020 ach tha eòlaichean air rabhadh gun robh "buaidh fhuarail" air mnathan a dh'fhulaing sàrachadh.[3]
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- BBC Naidheachdan: Sùil air: Ailig Salmond
- BBC Naidheachdan: Salmond a’ falbh an dèidh bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd, 2014-09-22
- BBC Naidheachdan: Mar a chaidh gabhail ri brath Mhgr Salmond, 2014-09-22
- They Work for You (Beurla)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “General election 2017: Former SNP leader Alex Salmond loses seat”, BBC. 9mh dhen Ògmhios 2017. Air a thogail 6mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ Wilson, Louise: “Salmond announces plan to stand for Holyrood as he launches Alba Party”, Holyrood Magazine. 26mh dhen Mhàrt 2021. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2021.
- ↑ Brooks, Libby: “Salmond inquiry having 'chilling effect' on women, say experts”, The Guardian. 5mh dhen Mhàrt 2021. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2021.
Dòmhnall Mac an Deòir (1999–2000) • Eanraig MacGillÌosa (2000–2001) • Seac MacConaill (2001–2007) • Ailig Salmond (2007–2014) • Nicola Sturgeon (2014–2023) • Humza Yousaf (2023–2024) • Iain MacShuibhne (2024–)
Alexander MacEwen (1934–1936) • Andrew Dewar Gibb (1936–1940) • William Power (1940–1942) • Douglas Young (1942–1945) • Bruce Watson (1945–1947) • Robert McIntyre (1947–1956) • Jimmy Halliday (1956–1960) • Arthur Donaldson (1960–1969) • William Wolfe (1969–1979) • Gordon Wilson (1979–1990) • Ailig Salmond (1990–2000) • Iain MacShuibhne (2000–2004) • Ailig Salmond (2004–2014) • Nicola Sturgeon (2014–2023) • Humza Yousaf (2023–2024) • Iain MacShuibhne (2024–)