Jump to content

Samhain

O Uicipeid
Lòchran snèipe

’S e fèill a th' ann an Samhain a bhios air a chomharrachadh air oidhche an 31mh den Dàmhair .

Tùsan na fèille

A rèir coltais, do na Ceiltich a bha a’ fuireach san Roinn-Eòrpa, is gu h-àraid do na Gàidheil, bhiodh a’ bhliadhna roinnte eadar na ceithir ràithean, a thòisicheadh le fèilltean sònraichte, is bha na fèilltean seo dha-rìribh cudromach dhaibh. Bhiodh iad a’ comharrachadh toiseach an Earraich le fèill ris a’ chanadh iad Imbolc, air 1 an Gearran (Là Fhèill Brìghde an dèidh làimh), fèill aig toiseach an t-Samhraidh ainmichte mar Chéadamhan no a-nis Bealltainn, air 1 an Cèitean, Lugnasad air 1 an Lùnastail mar thoiseach an Fhoghair, is Samhain, no deireadh an t-samhraidh (Samrad Fuin san t-Seann Ghàidhlig), aig toiseach a’ mhìos air a bheil an aon ainm. Ge-tà, tha na cinn-là air a bhith a’ gluasad thairis air na linntean.

Mar a bhiodh na làithean a’ tòiseachadh le beul na h-oidhche a rèir nan Seann Gàidheal, bhiodh a’ bhliadhna a’ tòiseachadh leis a’ gheamhradh, is ’s e àm sònraichte a bha seo.

Chan ann dìreach gur b’ e sin deireadh na buana, is àm na casgairte gus biadh fhaighinn airson a’ gheamhraidh, ach bhathar a’ creidsinn gum biodh dorsan gu saoghal eile air am fosgladh.

A thaobh nan seann fhionn-sgeul pàganach a bh’ aig na Gàidheil, ’s mar a chaidh a sgrìobhadh air Lebor Gabála Érenn san 11mh linn, bha treubhan a’ fanachd mar-thà ann an Èireann nuair a thàinig na Mìle Spàinne no Gàidheil, ’s iad na Tuatha Dé Danann is na Fomoirich, daoine-sìthe leis an robh aca ri sabaid mus d’fhuair iad an eilean. Nuair a bhuannaich na Gàidheil Èirinn, chaidh na sìthichean dhan t-Saoghal Shìos.

Ged-tà, bhiodh am brat eadar an dà Shaoghal a’ fàs tana aig deireadh an t-samhraidh is anns a’ chiad là den t-Samhain bhiodh na sìthichean a’ ruith air feadh an àite, agus na cumhachdan draoidheil air fàs.

’S e na draoidhean a bha os cionn ghnothaichean os-nàdarrach mus tàinig an creideamh Crìosdail dha na h-Eileanan Breatannach, is mar a sgrìobh an luchd-eachdraidh Ròmanach, a leithid Julius Caesar air Commentarii de Bello Gallico (50mh RC), bhiodh iad a’ dèanamh deas-ghnàth air an oidhche sin, air Oidhche Shamhna. Tha e coltach gum biodh iad a’ dèanamh gealbhan, a bhiodh, ’s dòcha, a’ toirt neart don grèin a bha a’ call spìonadh aig an àm seo den bhliadhna, is dhèanadh iad dannsaichean, ùrnaighean is ìobairtean do dhiathan an nàdair, fiù ’s fèin-ìobairt no ìobairt daonna, gus bainne is arbhar fhaighinn ann am pailteas sa bhliadhna a bha a’ tòiseachadh, ach chan urrainn dhuinn dearbhadh gun robh na cleachdaidhean seo cumanta ann an dha-rìribh, agus chan eil ach tuairisgeulan Ròmanach is Crìosdail (le manaich) againn man deidhinn. Co-dhiù, ’s cinnteach gur b’ e seo àm na casgairte aig aon àm, mar a tha Là Fèill Mhàrtainn fhathast san latha an-diugh air an 11mh den t-Samhain, is bhiodhte a’ dèanamh gealbhan air an dearbh Oidhche Shamhna suas dhan 20mh Linn ann an Albainn, mar a nithear fhathast an-diugh ann an Èirinn.

Cleachdaidhean thar nan linn ann an Èirinn is Albainn

Bhiodh an gealbhan, no "samhnag" dha-rìribh cudromach air Oidhche Shamhna, chan ann dìreach airson na sìthichean is spioradan olca a chumail air falbh, ach airson faighinn a-mach dè a thachradh anns an àm a bha romhpa. Air sgàth ’s gun robh cumhachdan draoidheil aig an àm a bu làidire, bhiodh daoine a’ faighinn a’ chothruim gus tachartasan fhaicinn air na lasraichean, agus bha geamaichean eile leis an aon adhbhar air feadh tìr nan Gàidheal suas dhan 20mh linn. Mar eisimpleir, ann an Albainn, bhiodhte a’ cur dà chnò air an teine, is bhiodh gach cnò a’ riochdachadh balach no caileag. Nam fuiricheadh an dà chnò còmhla, bhiodh an dithis fhathast còmhla taobh a-staigh na bliadhna, ach bhiodh iad a’ dealachadh nan spreadhadh fear dhiubh a-mach às an teine. Agus bhiodh na caileagan òga a’ cur geansaidhean fliucha faisg air an teine gus an tiormachadh, is bhiodh na balaich aig an robh ùidh orra a’ tionndadh nam muilicheannan.

Bha iomadh geama ann, gu seachd àraid am measg an òigridh, mar eisimpleir, far an cuireadh gealagan-uighe air glainne uisge, gus faicinn ma bha “craobhan” air fàs (deagh chomharra), no far an cuireadh dà mhaide fiodha còmhla, a-rithist a’ riochdachadh dithis, is chitheadh nan robh iad a’ tuiteam còmhla; no “Na Trì Lugaidhean”, far an cuirte trì bobhlaichean fiodha, fear le uisge glan, fear le uisge salach is fear falamh. Bhiodh balach a’ cur làmh ann am bobhla le a shùilean dùinte, is bhiodh e a’ ciallachadh gun ro e gu bhith a’ pòsadh maighdeann nan lorgadh e am bobhla le uisge glan, banntrach nan robh an t-uisge salach, is gum bhiodh e gun phòsadh leis a’ bhobhla fhalamh.

Ach ma tha geama ainmeil air Oidhche Shamhna, fhathast an-diugh, ’s e a bhith a’ feuchainn ri ubhal a ghlacadh bho amar uisge, no crochte le sreang, dìreach leis a’ bheul. A rèir a’ chreideimh, bhiodh a’ chiad neach air ubhal a ghlacadh a’ pòsadh sa bhliadhna, agus chanadh cuid gum biodh am balach no caileag leis an robh iad gu bhith a’ pòsadh a’ nochdadh ann an aisling, nan cuirte an t-ubhal a ghlac iad fon chluasag.

Glacadh nan ubhal ann an Èirinn

Bha geamaichean eile ann leis am biodh an òigridh a’ cluinntinn no a’ faicinn cò leis am biodh iad a’ pòsadh. Mar eisimpleir, bhiodh caileagan òga a’ feuchainn ri balach fhaicinn air an cùlaibh, fhad ’s a bha iad ann an seòmar dubh dorch, ’s iad mu choinneamh sgàthan le coinnlean nan làmhan. Cuideachd, bhiodh balaich a’ dol gu allt eadar dà bhaile no sgìre gus uisge fhaighinn, seo uisge a bha spèisealta, is chuireadh iad beagan den uisge sin nam beòil nuair a bhiodh iad faisg air doras taighe, is bhiodh iad a’ pòsadh na caileige air a bhiodh a’ chiad ainm a chluinneadh iad. Bhiodh na caileagan a’ dèanamh an aon rud, ach le geal-uighe nam beòil an àite uisge.

Bha a’ mhòr chuid de na geamaichean co-cheangailte ri fàidheadaireachd, agus gu h-àraid ri fàisneachdan gaol am measg nan daoine òga. Sgrìobh na Ròmanaich mu dheidhinn fhèisean mòra a bhiodh air an cumail timcheall air an teine air an oidhche seo, le biadh is deoch ann am pailteas, mar bu ghnàth dhaibh fhèin ann am Bacchanalia; is bha sin ciallach nuair a bhiodh, mar toradh, ginealach ùr air a bhreith as t-samhradh, an t-àm a bu fhreagarraiche. Mar sin, tha e coltach gun robh an t-àm seo sònraichte don òigridh, is gum biodh an fheadhainn a b’ òige a’ lorg bràmar aig an àm sin, is ’s e cleachd a tha fhathast beò an-diugh ann an dòigh air choireigin. ’S math dh’fhaodte, ma-thà, gun tàinig na “geamaichean gaoil” bho na seann chleachdaidhean feòlmhor a chumadh na pàganaich.

A bharrachd air na geamaichean, bhiodh miasan sònraichte air an ullachadh airson na h-oidhche, mar a bha an fhuarag anns na h-Eileanan (seòrsa brochain min-choirce le uachdair, uisge no bainne) a bhiodh a h-uile duine a’ gabhail bhon aon bhobhla - no buntàta-pronn anns a chuirte fàinne, putan, pònair is pìos clò, a bhiodh a’ ciallachadh bannais, aonarachd, bochdainn 7rl. do na daoine a bhiodh gan lorg, an dearbh rud ris a’ bhairín bhreac ann an Èirinn.

Mar sin, bhiodh am biadh a’ gabhail pàirt chudromach anns an fhèill a tha seo, gu h-àraidh nuair a bhiodh daoine a’ cruinneachadh ri chèile is a’ cèilidh air nàbaidhean tron oidhche, is iad ri dannsa is ri ceòl.

Air ais dha na sìthichean, a bha mar bu tric buailteach air milleadh, cron is mì-fhortan, bhiodh daoine a’ fàgail biadh taobh a-muigh nan taighean airson an sàthachadh, is bhiodh na daoine a bha a’ creidsinn gun robh seann spioradan an teaghlaich a’ tilleadh dhachaigh air an oidhche sin a’ cur aran-coirce is uisge-beatha faisg air an teine, is luaithreach min sgapte air an làr gus na làrachdan fhaicinn sa mhadainn.

Bhiodh ìobairtean fhathast air an dèanamh sna h-Eileanan suas dhan 19mh Linn, mar eisimpleir, chuireadh lionn no lite air a’ mhuir do “Shony”, Dia na Mara, gus feamainn gu leòr fhaighinn bhuaithe. No, bhiodh iad a’ dèanamh ìomhaigh coin leis a’ bhuain mu dheireadh, is bhiodh iad ga losgadh air an t-samhnaig. Bha sin a’ toirt taing do spioradan na talmhainn airson bliadhna torrach, is airson dìon fhaighinn bhuapa an aghaidh phlàighean.

Mar a bha Fèill Bealltainn a’ comharrachadh toiseach na h-obrach air an talamh, bha Samhain a’ comharrachadh deireadh na buana. ’S e àm nan atharrachaidhean a bh’ ann, mar a tha an t-seann abairt ag ràdh “Air Oidhche Shamhna theirear gamhna ris na laoigh”, agus bhiodh an crodh air a roinneadh eadar an fheadhainn airson marbhadh gus feòil fhaighinn airson a’ gheamhraidh, is an fheadhainn a bhiodh iad a’ cumail gus ginealach eile fhaighinn. A thuilleadh air sin, is co-cheangailte ris a’ chreideamh, cha bhiodh daoine ag ithe smeuran às dèidh na h-oidhche sin, oir bhiodh na sìthichean air smugadh orra, mar a chanadh ann an Èirinn, no gun robh na diabhlan air am mùnadh, mar a bhathar a’ creidsinn ann an Sasainn.

Seann aghaidh-choimheach à Èirinn.

Bha creideamh ann aig daoine nach robh na sìthichean idir càirdeach, is bhiodhte gan seachnadh. Air an adhbhar sin, bhiodh snèipean air am falamhachadh, is air an cleachdadh mar lòchrain, is aodainn eagalach orra, gus na creutairean os-nàdarrach a chumail fada air falbh, ach air sgàth ’s gur e puimceanan a bu chumanta ann an Ameireaga nuair a dh’imrich Gàidheil à Èirinn is à Alba ann, b’ e sin a thòisich iad air cleachdadh, is a chleachdas daoine air feadh an t-saoghail san latha an-diugh, mar fhasan no buaidh às na Stàitean.

Tarsgabhaig sgeadaichte airson na fèille

Air an aon adhbhar, a bhith a’ cumail nan sìthichean is taibhseachan fada bhon bhaile, bhiodh daoine a’ cur seann aodach, pìosan bèin is aghaidhean-coimhich orra, a’ feuchainn ri a bhith eagalach, gus nach biodh na sìthichean a’ dol faisg orra, sin gighis no “guesing” sa Bheurla, is bhiodh a’ chlann a’ dol mun cuairt bho thaigh gu taigh gus airgead no biadh fhaighinn bho na nàbaidhean an dèidh a bhith a’ seinn rann no dhà dhaibh. Seo cleachdadh a tha a’ tighinn a-nis às na Stàitean ann an dòigh eadar-dhealaichte, a chionn ’s gur e “Trick-or-treat” a bhithear a’ dèanamh mu choinneimh nan doras. Cuideachd, bhiodh na balaich òga air a’ Ghàidhealtachd a’ dèanamh magadh is bhandalachd aotrom air feadh an àit’, a leithid dùnadh nan similear aig taighean nan nàbaidhean, no a bhith a’ leagail crodh is eich saor a-mach às na stàballan. Gu ìre, bha seo ceadaichte air an oidhche sin.

Chaidh an fhèill seo air a "Chrìosdachadh" air Tìr-mòr na Roinn Eòrpa sna meadhan-aoisean, far an canar “Toussaint” no “Todos los Santos” oirre, is far am bi cleachdaidhean eadar-dhealaichte air an cumail san latha an-diugh.

Ceanglaichean a-muigh

Clàr leabhraichean is sgrìobhainnean

  • Halloween. From Pagan Ritual to Party Night (2002) le Nicholas Rogers USA
  • Hallowe’en Its origins, rites and Ceremonies in the Scottish Tradition (1971) le F. Marian McNeill Dùn Èideann
  • A Calendar of Scottish National Festivals, Halloween to Yule (1961), le F. Marian McNeill Dùn Èideann
  • Folksongs and Folklore of South Uist (1977) le Margaret Fay Shaw Dùn Èideann
  • The Religion of the Ancient Celts (1911) le J.A. MacCulloch Dùn Èideann
  • The Gaelic Otherworld (2005) le John Gregorson Campbell Dùn Èideann
  • Irish Druids and Old Irish Religions (1986) le James Bonwick, Dorset Press USA
  • Celtic Myth and Legend (1975) le Charles Squire Newcastle Publishing
  • A Complete Guide to Celtic Mythology (2000) le Bob Curran, Appletree Belfast
  • Samhain: Season of Death and Renewal (1997) le Alexei Kondratiev