Ùraisg
Coltas
Bhiodh an t-Ùraisg ri fhaicinn an àird an fheasgair ag iasgach ri taobh aibhne.
Bhiodh grath oillteil, mì-thalamhaidh air aogaisg 's air a bhodhaig a' lìonadh duine sam bith le geilt is uamhas.
Bha fhalt is fhiaclan anabarrach fada agus bha ingnean fada biorach air. Bu mhinig a nochdadh e ri taobh neach, 's e ag iasgach gu balbh dìomhair agus dhèanadh e seanchas ri aon nam b'e agus gun leigeadh an t-eagal leis fantainn ga èisteachd.
Bhiodh an t-Ùraisg glè thric seòlta gu glacadh neach. Uaireannan nam biodh neach cròdha gu leòr, bhiodh e na chomas a' char a thoirt às an Ùraisg agus tàrsainn às agus faotainn dhachaigh gun dochann no cron.[1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ MacIlleathain, Ruairidh (21mh dhen Iuchar 2020): “An t-Ùraisg – Mac-meanmnach no Fìor?”. Scotland's Nature blog. Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2021.