Àrd-diùcachd Mhecklenburg-Strelitz
Àrd Dhiùcachd Mhecklenburg-Strelitz GroßHerzogtum Mecklenburg-Strelitz | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
![]() | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1815 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1918 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Neustrelitz | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Gearmailtis |
B’ e dùthaich bheag neo-eisimeileachd anns a’ Ghearmailt a bh’ anns an Àrd-diùcachd Mhecklenburg-Strelitz (Gearmailtis: GroßHerzogtum Mecklenburg-Strelitz) eadar 1815 agus 1871.[1] Chaidh Àrd Dhiùcachd Mhecklenburg-Strelitz a chruthachadh nuair a chaidh Diùcachd Mhecklenburg-Strelitz àrdachadh gu Àrd Dhiùcachd tro Cùmhnant Viena,[2] ri linn atharrachadh mòr a rinn e air structair phoileataigeach na Gearmailt a thaobh Co-chaidreachas na Rèine.[3] Mhair an stàit seo mar sgìre fad Ìmpireachd na Gearmailte (1871] – 1918. B’ e Neustrelitz a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha. Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Mecklenburg-Strelitz agus leig an t-àrd-diùc Friedrich Franz IV dheth an crùn. Chaidh poblachd, a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhèin, a stèidheachadh na h-àite.[4]
Ceannardan na Stàite[deasaich | deasaich an tùs]
- 1794 – 1816: Karl II.[5]
- 1816 – 1860: Georg
- 1860 – 1904: Friedrich Wilhelm II.
- 1904 – 1914: Adolf Friedrich V.
- 1914 – 1918: Adolf Friedrich VI.
- 1918 – 1918: Friedrich Franz IV.