An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Maramureş (Siorrachd)"
Chaidh duilleag le "{{Template:Județ | AINM = Județul Maramureş | LÙIREACH = Actual Maramures county CoA.png | LÙIREACH_LEUD = 100 | DEALBH = 07.zori in Valeni.2.jpg..." a chruthachadh |
(Gun diofar eatarra)
|
Mùthadh on 21:37, 19 dhen Ghiblean 2015
Județul Maramureş
| |||
Dealbh | |||
Suidheachadh | |||
Dùthaich | Romàinia | ||
Prìomh-bhaile | Baia Mare | ||
Roinn Eachdraidheil | Maramureş | ||
Feartan fiosaigeach | |||
Farsaingeachd | 6,304 km² | ||
Àireamh-shluaigh | 516,562 (2011) | ||
Dlùths | 81.94/km² | ||
Àireamh fòn | +40 262/362 | ||
Clàr Àireamh-carbaid | MM | ||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas Roinneil |
'S e roinn (Romàinis: Județ)[1] ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann am Maramureş (IPA: maraˈmureʃ, Gearmailtis: Marmarosch, Ungairis Máramaros, Ucràinis: Мараморо́щина). Tha e suidhichte eadar Sǎlaj, Suceava, Bistrița-Năsăud, agus Satu Mare. 'S e Baia Mare a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[2] 'S e Maramureş an 15mh roinn as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 17mh a thaobh àireimh-shluaigh.[3]
Eachdraidh
Thathar dhen bheachd gur dòcha gur ann à ainmean dà abhainn, an Mara agus am Mureș, a th' ann ainm na roinne[4] Chaidh an roinn a stèidheachadh ann an 1876 ri linn atharraidhean rianachail anns an Ungair. Bhuineadh Maramureş, mar iomadh roinn eile air an àirde iar-thuath Romàinia, dhan Ostair-Ungaire ron a' A' Chogaidh Mhòir, ged nach robh ach mion-chuid Ungaireach ann.[5] Chaill An Ungair Maramureş ann an 1920.[6]
Cinnidheachd
- Romàinianaich – 82.02%[7]
- Ungairianaich – 9.07%
- Romani – 1.74%
- Ùcrainianich – 6.67%
- Eile - 0.50%
Creideamhan
- Ortodogsaich Romàinianach – 50.61%[8]
- Pròsdanachas – 18.68%;
- Caitligich – 25.98% (18.03% - 7.96%)
- Caingisich – 2.31%;
- Aidmheinich – 3.90%;
Bailtean as Motha
Baile | Muinntir |
---|---|
Baia Mare (Gearmailtis: Neustadt neo Frauenbach, Ungairis Nagybánya) | 123,738 |
Sighetu Marmației (Gearmailtis: Marmaroschsiget, Ungairis: Máramarossziget) | 37,640 |
Borșa (Gearmailtis: Borscha, Ungairis: Borsa) | 27,611 |
Baia Sprie (Gearmailtis: Mittelstadt, Ungairis: Felsőbánya) | 15,476 |
Vișeu de Sus (Gearmailtis: Oberwischau, Ungairis: Felsővisó) | 15,037 |
Târgu Lăpuș (Gearmailtis: Laposch, Ungairis: Magyarlápos) | 11,744 |
Poienile de sub Munte (Gearmailtis: Reußenau, Ungairis: Ruszpolyána, Ucràinis: Русь Поляни) | 10,073 |
Moisei (Gearmailtis: Mosesdorf, Ungairis: Majszin) | 9,264 |
Seini (Gearmailtis: Leuchtenburg, Ungairis: Szinérváralja) | 8,987 |
Șomcuta Mare (Gearmailtis: Großhorn, Ungairis: Nagysomkút) | 7,565 |
(Bho: 20mh an Damhair 2011)[9] |
Iomraidhean
- ↑ Nutritionist Cluj
- ↑ Welcome to Romania
- ↑ Criticatac
- ↑ Adevǎrul
- ↑ Könyvtár
- ↑ Hungarian History
- ↑ Centru de Resurse pentru Diversitate Etnoculturalǎ
- ↑ Népszamlalas
- ↑ City Population
Ceanglaichean A-mach
Alba • Arad • Argeş • Bacău • Bihor • Bistrița-Năsăud • Botoşani • Braşov • Brăila • Bucureşti • Buzău • Caraş-Severin • Călăraşi • Cluj • Constanța • Covasna • Dâmbovița • Dolj • Galați • Giurgiu • Gorj • Harghita • Hunedoara • Ialomița • Iaşi • Ilfov • Maramureş • Mehedinți • Mureş • Neamț • Olt • Prahova • Satu Mare • Sălaj • Sibiu • Suceava • Teleorman • Timiş • Tulcea • Vaslui • Vâlcea • Vrancea