Zipa

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e tiotal urramach airson Rìghrean tìrean mu dheas Dùthaich nam Muisca a bh'ann an Zipa. Bha an dùthaich sin suidhichte far a bheil tìr àrd torach eadar na roinnean dhe Cundinamarca agus Boyacá ann an Coloimbia an latha an-diugh. Bha am prìomh-bhaile Bacatá, (Bogotá), suidhichte anns an sgìre ris an canar Comhnardan dhe Bogotá (Spàinntis: Sábana de Bogotá).

'S e tiotal oighreachdail a bh'ann an Zipa, ach cha leanadh sin an lìn athaireil gu dlùth. Thaghadh fear-ionlaid bho am broinn an teaghlaich rìoghail aig bàs an righ, anns a' chumanntas mac piuthair mhòr an righ nach maireann, neo fiu's am fear a bha na b'aosda na esan fhèin.

Bha Tisquesusa na Zhipa nuair a ràinig a' chiad duine às an Roinn Eòrpa, an ceannsaiche Gonzalo Jiménez de Quesada.

Zipas dhe Bacatá[deasaich | edit source]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  • Velandia, R. Enciclopedia Histórica de Cundinamarca. Tomo I Volumen I. Ace Editorial Didacticos & Cia.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | edit source]