William F. Buckley Jr.

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
William F. Buckley Jr.
William F. Buckley, Jr. 1985.jpg
Fiosrachadh
Rugadh Flag of the United States.svg Eabhraig Nuadh 24mh An t-Samhain 1925
Bàs Flag of the United States.svg Stamford 27 An Gearran 2008
Obair litreachas
Cànan Beurla
Linn 20mh linn
Gluasadan Naidheachdas

B’ e sgrìobhadair agus iomradair a bh’ ann an William Frank Buckley Jr. (24 an t-Samhain 192527 an Gearran 2008) a bha a' tarraing a' chuid as motha de na beachdan aige bhon làimh-dheis de phoileataigs. Stèidhich e an iris-poileataigeach National Review ann an 1955, agus bha e an làthair air 1,429 earrann den phrògram TBh Firing Line bho 1966 gu 1999. A bharrachd air an sin ‘s e naidheachdair a bh’ ann le na sgrìobhaidhean aige air am foillseachadh ann an iomadach pàipear air feadh na Stàitean Aonaichte. Bha e ainmeil airson cho fòghlamaichte, eirmseach agus briathrach ‘sa bha na pìosan a bhiodh e sgrìobhadh.

Bha buaidh mhòr dha-rìreabh aig Buckley air cultar Ameireaga agus thuirt George H. Nash, eachdraiche an gluasad conservative Ameireaganach, mu dheidhinn:

“dh’fhaodadh duine ràdh gur e an duine innteachail is cudthromach a bh’ anns na Stàitean Aonaichte thairis air an leth-chiad bliadhna chaidh…airson ginealach slàn b’ e prìomh ghuth conservatism Ameireaganach a bh’ ann agus a chiad duine mòr anns a' ghluasad ud.” [1]

‘S e an rud is buadhaiche a rinn Buckley poileataigs an làimh dheis a cheangal ri feallsanachd eaconomach “laissez-faire” bhith gu cruaidh an aghaidh comunnachas, mar sin a' cur sìos nàdar de bhun-stèidh airson an conservatism nuadh a bha aig cridhe oidhirpean Barry Goldwater agus Ronald Reagan an taghadh airson Ceannard nan Stàitean Aonaichte a bhuannachadh.

Sgrìobh Buckley iomadach leabhar. ‘S e am fear as ainmeile aige God and Man at Yale a chaidh a dh'fhoillseachadh ann an 1951. A measg nan leabhraichean eile aige sgrìobh e mu eachdraidh, poileataigs, seòladh-mara, sgilean sgrìobhaidh agus labhairt, agus sreath de leabhraichean rosg mu fhear a bha ag obair airson an CIA. Mar is tric bhiodh Buckley ga chur fhèin air adhart mar Libertarian no consevative. Bhiodh e a' fuireach ann am baile New York agus Stamford, Connecticut. Caitligeach a bh’ ann, agus bhiodh e a' dol dhan aifreann traidiseanta Laideann ann an Connecticut.

[deasaich] Iomraidhean

  1. George H. Nash (2008-02-28). ""Simply Superlative: Words for Buckley"". National Review Online. A' tarraing air 2008-02-29.

[deasaich] Ceanglaichean a-mach

Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan
Ann an cànain eile