Wikileaks

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Ìomhaigh Wikileaks

'S e WikiLeaks buidheann mheadhanan neo-phrothaid eadar-nàiseanta a bhitheas a' clò-bhualadh sgrìobhainnean a thig bho thùsannan neo-ainmeach is bho shnighean, agus a bhitheadh air mhodh eile dìomhair no air an cron-sgrùdadh.

Ged a chaidh Wikileaks a stèidheachadh, a-rèir na buidhne fhèin, le luchd-dèanadais chòireachean-dhaonna Sìneach, 's e an Astràiliach Julian Assange am fear-labhairt agus an riochdaire as ainmeile.

Fhuair Wikileaks ainm is cliù eadar-nàiseanta as dèidh dhith clo-bhualadh (28 Samhainn 2010)  mòran contraltraidh dìomhair Ameireaganach bho thosgaireachdean air feadh an t-saoghail. Am measg eile, dh' fhoillsich seo gun robh an riaghaltas Breatannach a' strì airson fuasglaidh Al Megrahi, am Bomair Logarbaidh, ged a bha iad a' dubh-chàineadh an riaghaltais Albannaich aig an àm airson an fhuasglaidh iochdmhoir. [1]

Cuideachd, dh' fhoillsich Wikileaks liosta de làraich a bha cudromach do thèarainteachd Ameireaganach, a' gabhail a-steach companaidh Albannach a bhitheas a' dèanamh co-phàirtean do longan-fo-mhuir niùclasach Ameireaganach. [2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Professor James Mitchell. "Wikileaks proves Scotland was right on Megrahi release", The Herald, An Dùbhlachd 10, 2010, accessed An Dùbhlachd 13, 2010.
  2. Michael Settle. "Scots firm on Wikileaks list", The Herald, An Dùbhlachd 7, 2010, accessed An Dùbhlachd 13, 2010.