Whisky Galore

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e nobhail as ainmeile aig Compton Mackenzie a tha ann an Whisky Galore (Uisge-beatha gu leòr). Bha i air a foillseachadh an toiseach ann an 1947. Tha an sgeul suidhichte air fìor thachartas aig àm an Dàrna Cogaidh, nuair a chaidh an long SS Politician a briseadh air Eilean Eirisgeigh. An dèidh nam mìosan nuair nach robh braon uisge-beatha (agus mu dheireadh braon alcol sam bith) anns na h-eileanan uirsgeulach Todaidh Mór agus Todaidh Beag, tha an long Cabinet Minister le 50,000 cèis uisge-beatha a' dol a briseadh air creag faisg orra. On a tha an riaghaltas slaodach rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn, tha na h-eileanaich fhèin a' "sàbhaladh" an t-uisge-beatha bho bhàthadh. Aig an aon àm, tha dà sgeul gaoil a' dol ann.