Werner Kissling

O Uicipeid
Werner Kissling
Beatha
Breith Wrocław, 11 dhen Ghiblean 1895
Dùthaich  A' Ghearmailt
Bàs Dùn Phris, 3 dhen Ghearran 1988
Foghlam
Cànain Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd stiùiriche fhilmichean, neach togail dhealbhan agus ethnographer (en) Translate

'S e fear togail dhealbhan a bh' ann an Werner Kissling (1895 - 1988). Rugadh e ann am Breslau (Silesia) ann an teaghlach iar-fhlaitheach agus beartach. Às dèidh a' chiad chogaidh bha e ag obair ann an seirbhis dhioplòmasaich Ghearmailtich. Seach agus gun robh e gu làidir an aghaidh nan Nàsach, dh’fhàg e an obair seo agus a’ Ghearmailt aig toiseach nan deich air fhicheadan agus chaidh e a Bhreatainn far an robh e a’ teagasg gu prìobhaideach agus far an do thòisich e le bhith togail dhealbh-camara. Bhiodh e a’ tadhal air na h-Eilean Siar gu tric nuair a rinn e rannsachadh an lùib cultair dhùthasaich. Agus b’ ann eadar 1928 agus 1960 a bhiodh e a’ toirt cunntais dhuinn mu bheatha muinntir Uibhist a Deas is Èirisgeigh tro dhealbhan-camara. B’ esan a rinn a’ chiad fhilm riamh anns an robh Gàidhlig ri cluinntinn ann an 1934 – A Poem of Remote Lives. Chaochail e ann an Dùn Phrìs ann an 3 an Gearran 1988.

Bha na dealbhan aige ri fhaicinn airson a' chiad turais ann an 2011 ann an Landesmuseum (Taigh-tasgaidh na dùthcha) ann am Bonn, a' Ghearmailt agus an uair sin, san Ògmhios 2012, bha iad air an taisbeanadh ann an Taigh-tasgaidh Chill Donnain ann an Uibhist a Deas.

Leabhraichean[deasaich | deasaich an tùs]

  • Michael W. Russell, 1997 The Enigma of Werner Kissling 1895–1988. Neil Wilson Publishing, Glaschu ISBN 1-897784-46-5

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]