Wangerooge

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Wangerooge

'S e aon de na Ostfriesische Inseln (Eileanan Frìosach an Ear) a tha ann an Wangerooge. Tha e suidhichte anns a' Chuan a Tuath taobh an ear air an eilean Spiekeroog. Tha Wangerooge mu seachd cilemeatair air falbh bho chladach Niedersachsen ann an taobh tuath na Gearmailt.

Tha an t-eilean cho mòr ri 7,94 km² agus mar sin 's e Wangerooge an dàrna eilean as lugha de na h-Eileanan Frìosach. Tha e na phàirt dhen phàirc-nàiseanta Lower Saxony Wadden Sea National Park.

Ann an 2008 bha 933 duine a’ fuireach ann.

Tha aiseagan a' ruith gu Wangerooge, chan eil e ceangailte le drochaid gu tìr-mòr. Ach ma bhios a' mhuir air falbh 's uarrainnear a' coiseachd bho thìr-mòr chun an eilein. Tha càraichean toirmisgte ann an Wangerooge.

Tha gnìomhachas tùrasachd gu math làidir an seo.

Tha taigh-tasgaidh anns an seann taigh solais ann am meadhan a' bhaile. Tha taisbeannadh ann far am faicear rudan ceangailte le eachdraidh an eilein agus leasachadh dhen turasachd ann an Wangerooge. Taobh a-muigh chithear am bàta Gesina, bhàta-teasairginn a bha air a chleachdadh bho 1971 gu 1981.

Cànan [deasaich]

Gus 1930 bhathar a' bruidhinn Wangerooger Friesisch (Frìosais Wangerooge), cànan Indo-Eòrpach a tha dluth cheangailte ri Gearmailtis agus Beurla. Còmhla ri Saterfriesisch b' e sin aon de na cànanan a tha a' buntainn don teaghlach cànain Frìosach an Ear a mhàir beò tro na linntean.

Ach thachair tuiltean uabhasach stoirmeil anns a’ gheamhradh 1854, bhris an dàrna leth den eilean don mhuir. Sin a b’ adhbhar gun deach a’ chuid a bu mhotha de mhuinntir an eilein a ghluasad gu tìr-mòr. Bha an cànan air a bhruidhinn le 400 luchd-labhairt aig an àm ud, ach dh’fhan 85 dhiubh air an eilean. Air tìr-mòr, anns a' chuairteachadh ùr, sguir iad Frìosais a bhruidhinn. Chaochail am fear mu dheireadh aig an robh Wangerooger Friesisch ann an 1930 ann an Wangerooge agus air tìr-mòr ann an 1950.[1]

Iomraidhean [deasaich]

  1. Versloot, A. P. (2001). Das Wangeroogische. Ann an H. H. (deas), Handbuch des Friesischen (tdd. 423 - 429). Tübingen: Niemeyer.

Ceanglaichean a-mach [deasaich]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  • Wangerooge.de - Duilleag oifigeil dhen choimhearnachd Wangerooge