Wakame

O Uicipeid
Wakame
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Protista
Clas Phaeophyceae
Òrdugh Laminariales
Teaghlach Alariaceae
Gèineas Undaria
Spèiseas U. pinnatifida
Ainm saidheansail
Undaria pinnatifida (Harvey) Suringar, 1873

'S i gnè de dh' fheamainn a th' ann an Wakame 若布(Undaria pinnatifida), a tha car coltach ri mircean (Alaria esculenta ), Ecklonia radiata, Saccorhiza polyschides, Undaria peterseniana agus Undaria undarioides. Canar wakame ri bàrr na feamainn seo - 's e sin an rùsg (an duilleag mhòr thana) - agus mekabu ris an duilleach - (buinneagan tiugha na feamnach).

Ged is ann a bhuineas an seòrsa seo do dh' Àisia an Ear-Dheas, thathas ga àiteachadh 's ga bhuain an-diugh anns an Fhraing far cladaichean na Breatainne Bige, agus chaidh a thoirt gu Astràilia agus dhan t-Sealainn Nuaidh cuideachd.

Sùgh wakame
Wakame (わかめ)agus Mekabu(めかぶ)