Uilleam Ros

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e bàrd ainmeil a bha ann an Uilleam Ros.

Rugadh e anns an t-Sìthean anns an Eilean Sgitheanach ann an 1762. Bha athair Uilleim na Sgitheanach agus bha e ag obair mar ceannaiche-siubhail. Bha a màthair às an Sgìre Gheàrrloich.

Chaidh Uilleam dhan sgoil ann am Farrais. Thòisich e air bàrdachd a sgrìobhadh nuair a bha e anns an sgoil fhathast. An-dèidh an sgoil fhàgail thill an teaghlach air ais gu Geàrrloch. An uair sin chaidh Uilleam còmhla ris an athair air cuairtean do na h-eileanan agus air feadh na dùthcha. Mar sin chuala e na blasan eadar-dhealaichte agus fhuair e deagh eòlas orra.

Air ais ann an Geàrrloch thòisich e ag obair mar mhaighstir-sgoile gus an do fhàs an slàinte aige nas bu miosa. A-rèir beul-aithris bha gaol aige air Mòr Ros à Steòrnabhagh. Ach phòs i fear eile. Greiseag roimhe sin sgrìobh e dàn: 'Feasgair Luain' Is dòcha gur e sin am fear as ainmeile aige.

Ann an 1790 chaochail e leis a' chaitheamh, bha e 28 bliadhna a dh'aois.

[deasaich] Cuid dhen bhàrdachd aige

  • Bruthaichean Ghlinn Braoin
  • Cuachag nan Craobh
  • Feasgair Luain
  • Mac na Bracha
  • Marbhrann do Phrionnsa Teàrlach
  • Moladh a' Bhàird air a thìr fèin
  • Moladh na h-òighe Gaelich
  • Moladh an Uisge-bheatha
  • Òran a' moladh a leannain
  • Òran air gaol na h-òighe
  • Òran an t-Samhraidh
  • Òran Cumhaidh
  • Òran eadar am bàrd agus a' chailleach
  • Òran Gaoil

[deasaich] Tuilleadh leughaidh

  • Gaelic poetry in the eighteenth century; Derick S. Thomson, Obar Dheathain, Association for Scottish Literary Studies, 1993. ISBN 0948877197
  • The Poetry of Scotland - Gaelic, Scots and English; Roderick Watson, Dùn Eideann, 1995. ISBN 0748606076

[deasaich] Ceanglaichean a-mach

Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan