Uilleam Mac Congáil

O Uicipeid
Uilleam Mac Congáil
Beatha
Ainm slàn William McGonagall
Breith Dùn Èideann agus Conntaidh Dhùn nan Gall, dhen Mhàrt 1825
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann
Bàs Dùn Èideann, 29 dhen t-Sultain 1902
Àite-adhlacaidh Cill nam Manadh Liatha
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd breabadair, bàrd, performing artist (en) Translate, sgrìobhadair, actair agus actair àrd-ùrlair
Gnè ealain performance art (en) Translate
mcgonagall-online.org.uk

B' e Uilleam Topaz Mac Congáil(Beurla: William McGonagall, Màrt 182529 an t-Sultain 1902) breabadair, bàrd rannaghaill agus cleasaiche à Dùn Dè. Fhuair e ainm mar fhìor dhroch bhàrd nach do ghabh dragh sam bith ro bheachdan a choimpirean air a chuid sgrìobhaidh. Is ann a tha e air a chlàradh ann an Leabhar Clàr-cunntais MhicAonghais mar aon de na bàird Bheurla a bu mhiosa.

Sgrìobh e mu 200 dàn, nam measg sin, "Sgiorradh Drochaid Tatha" (The Tay Bridge Disaster) agus "Muc-mhara ainmeil na Tatha" (The Famous Tay Whale), cuid de na dàin as motha a chuirear suarach ann an saoghal litreachas na Beurla. Chaidh fhastadh air feadh Alba airson a bhàrdachd aithris, rud a bha na chomharra gun robh luchd-èisteachd a' moladh an liut aig Mac Congáil mar phearsa èibhinn talla a' bhaile. 

Ged as e am bàrd Beurla a bu mhiosa a-riamh a bheirear air Mac Congáil[1] , tha a rannaidheachd air a cuimhneachadh 's air a h-aithris an-diugh air sgàth sin agus gheibhear grunn leabhraichean dhith ann an clò fhathast. Is e na beuman as motha a bheirear air, nach tuigeadh e meatafor bàrdail agus nach b' urrainn dha meadarachadh. Gidheadh, fhuair e a chliù bhon bhuil àbhachdach a bha na fàillinnean seo ag adhbharachadh. Le ruitheaman mì-iomchaidh, faclan fann, agus ìomhaigheachd neo-ghlic a' tighinn còmhla, rinneadh gun robh a bhàrdachd-san, gun fhios dha, am measg cuid de na duain dhràmadach a bu ghàireachdaile ann an saoghal na Beurla. Tha obair Mhic Congáil stèidhichte ann an dualchas fada bàrdachd-sgeòil na Beurla mu thachartasan is tubaistean mòra. Bhiodh na rannan air an cur air bhlàr mar bhileagan-làimhe, oir ann an aimsir gun rèidio no telebhisean, b' e an guthan-san aon dòigh air naidheachdan cudromach a sgaoileadh am measg sluaigh a bha fìor dhèidheil air an leithid.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. William McGonagall (1992): World's Worst Poet: Selections from "Poetic Gems". Templegate Publishers. 

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]