Uicipeid:Ainmean leabhraichean

O Uicipeid

Tha an duilleag seo a' mìneachadh na poileasaidhean a dh'aontaich a' choimhearsnachd a thaobh ainmean leabhraichean air Uicipeid na Gàidhlig. Feuch is na atharraich na riaghailtean gun deasbad roimhe air duilleag na deasbaireachd.

Seula nam poileasaidh Poileasaidh ainmean leabhraichean

1) Cleachdaidh sinn cruth Gàidhlig airson leabraichean a bha air an sgrìobhadh anns a' Ghàidhlig:

2) Cleachdaidh sinn cruth Gàidhlig airson leabraichean a nochd an clò mar eadar-theangachadh do Ghàidhlig, ach feumaidh ath-threòrachadh a bhith ann:

a) Air aiste an leabhair fhèin, feumaidh an cruth tùsail a nochdadh ann an toiseach na h-aiste.
b) Air aiste eile, m.e. aiste sgrìobhadair an leabhair, cleachdaidh sinn an cruth Gàidhlig, leis a' chruth thùsail ann an camagan a' chiad turas a tha an leabhar air ainmeachadh:

3) Cleachdaidh sinn cruth tùsail airson leabraichean nach do nochd an clò mar eadar-theangachadh do Ghàidhlig:

a) Air aiste an leabhair fhèin, bu chòir dha eadar-theangachadh do Ghàidhlig a nochdadh ann an toiseach na h-aiste.
b) Air aiste eile, m.e. aiste sgrìobhadair an leabhair, cleachdaidh sinn an cruth tùsail, leis a' chruth Ghàidlig ann an camagan a' chiad turas a tha an leabhar air ainmeachadh:
c) Mur e leabhar Beurla a tha ann ach nochd e an clò ann an eadar-theangachadh Beurla, bu chòir dhan ainm Beurla a leantainn an eadar-theangachadh Gàidhlig, agus bu chòir dha ath-threòrachadh a bhith ann:
d) Mur eil an t-ainm san aibidil Laidinneach, cleachdaidh sinn tar-sgrìobhadh oifigeil, mar eisimpleir ISO-9 airson tar-sgrìobhadh na h-aibidil Cirilich, a' leantainn leis an eadar-theangachadh do Ghàidlig agus an litreachadh thùsail. Ma nochd an leabhar an clò ann an eadar-theangachadh Beurla, leanaidh an t-ainm Beurla cuideachd, agus bu chòir dha ath-threòrachadh a bhith ann:
  • Vojna i mir (Cogadh is Sìth, 1869; Война и мир san aibidil Ruisis, air fhoillseachadh mar War and Peace sa Bheurla)