Uibhist a Tuath

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Uibhist a-Tuath air a' chairt-iùil
Landsat Uibhist a-Tuath

Tha Uibhist a Tuath anns na h-Eileanan Siar ann an Alba. A-rèir cunntas-sluaigh 2001 tha sluagh de 1,657 a' fuireach ann anns an àbhaist. Tha an t-eilean ceangailte ri Beinn na Faoghla le cabhsairean tro Eilean Ghriomasaigh agus ri Beàrnaraigh agus ris a' Bhaile Shear le cabhsairean eile. Tha an t-eilean gu math rèidh, ach a-mhàin an ear-dheas, agus tha pailteas mhòintichean, chnoc agus lochan ann. Tha còrr is dàrna leth an eilein fo uisge. Tha measgachadh de shàl agus fìor-uisge ann an cuid de na lochan agus tha seo a' tabhann àrainneachd àraid iom-fhillte do dh'eòin is creutairean eile.

Sealladh den tràigh agus den mhachair ann an Corran Aird a' Mhòrain.

'S e Uibhist a Tuath an deicheamh eilean as motha ann an Alba agus an treas eilean deug as motha ann am Breatainn (a' fàgail às Èirinn). Tha an t-eilean 117 mìle cheàrnagach ann am meud, beagan nas lugha na Uibhist a Deas.

'S e Loch nam Madadh am baile as motha air an eilean, port-iasgaich le taigh-tasgaidh, ionad-ealain agus 'Both nam Faileas' - 'camera obscura' ann am bothan-cloiche. Tha bàtaichean Caledonian Mhic a' Bhriuthainn a' seòladh à Loch nam Madadh gu Ùig anns an Eilean Sgitheanach, agus à Beàrnaraigh gun t-Òb anns na Hearadh. Tha oifis-phuist agus cafaidh anns an ionad-ealain, Taigh Chearsabhagh. Tha an Uist Outdoor Centre cuideachd faisg air làimh.

A-measg bhailtean eile an eilein tha Càirinis, Port nan Long, Scolpaig, Cladach Chirceboist, Taigh a' Ghearraidh, Hogha a' Ghearraidh, Ceann a' Bhàigh agus Solas.

Tha grunn thoglaichean agus structaran àrsaidh ann an Uibhist a Tuath, nam measg Barpa Langais (càrn-tiodhlaigidh seòmarach), Poball Fhinn (cearcall thursachan) agus Teampall na Trianaid.

Tha an t-eilean cuideachd cliùiteach airson na th' ann de dh'eòin. Gheibhear ràcan-an-fheòir, sùlairean, gealagan-buachair agus sgrabairean ann. Tha raon-glèidhteachas aig an RSPB ann am Baile Raghnaill.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Sgrìobhaidhean mun eilean ann an Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

  • MacDhòmhnuill, An t-Urr. Niall (1938). 'Uibhist a Tuath', ann an Am Measg nam Bodach. Glaschu: An Comunn Gaidhealach. dd. 43-49.

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]