Uamh Àrd-Achaidh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Suidheachadh Uamh Àrd-Achaidh aig cois Bheinn an Dùbhaich
Sealladh air a' chladhachadh
An cladhachadh san Iuchar 2006

'S e uamh anns an Eilean Sgitheanach a tha ann an Uamh Àrd-Achaidh, ainm eile: Uamh an Àrd Achadh (Beurla: High Pasture Cave). 'S e an dàrna uamh as fhaide a tha anns an Eilean; tha còrr is 320 meatair innte a ghabhas tadhail.

Tha an uamh faisg air Cille Bhrìde, mu chilemeatair san àird an earra-dheas Nan Torran. Tha beul na h-uaimhe suidhichte ann an gleann beag air bruthach taobh tuath Bheinn an Dùbhaich, a tha na pàirt den Chnoc Ruadh. Tha Beinn an Dùbhaich a eibhir [1] agus tha an eibhir a’ briseadh a-steach an seo dhan aol-clach Dhiùrinis a tha timcheall anns an sgìre seo. [2] Chaidh an uamh a chruthachadh ann an aol-clach Dhiùirnis le uisge searbh na mònach a bhitheadh a’ ruith bho na creagan eibhir agus a bhitheadh a' fuasgladh na cloiche tro na linntean.

Anns a’ bhliadhna 1972 lorg oileanaich bho Speleological Society Oilthigh Lunnainn fosgladh na h-uaimhe. Tha slighe mhòr a-steach ann le slighean beaga a tha co-cheangailte rithe. An dèidh 80 meatair ruigear comar far a bheil bruthach ulpagan air an làimh dheis. Bhon an seo faodar slighe eile a ghabhail a tha nas àirde agus nas tioraime. B' ann an seo lorg Steven Birch mìrean crèadhadaireachd agus cnàmhan. Ann a bhith a’ feuchainn ri slighean ùra a-steach dhan uaimh fhaighinn bha an stuth seo air a thilgeil ri thaobh le luchd-siubhail. Dh’aithnich Birch sa bhad luach an stuth seo.

An uair sin, ann an 2003, chaidh pròiseact cladhaich a chur air bhonn. Thug Alba Aosmhor maoineachadh dhan phròiseact Uamh Àrd-Achaidh. Eadar an Giblean agus an t-Sultain gach bliadhna thèid an obair-cladhaich a dhèanamh san àite fhèin, mar as trice le cuideachadh bho luchd-obrach saor-thoilich. Tron gheamhradh bidh na h-àrc-eòlaichean an sàs ann an sgrìobhadh agus rannsachadh a bharrachd mun phròiseact seo.

Toradh-Rannsachaidh[deasaich | deasaich an tùs]

'S e seo toradh an rannsachaidh san uaimh an dèidh 4,5 bliadhna (2008):

'S ann tron linn Mheadhan-leacaich (mu eadar sia is seachd mìle bliadhna air ais) a chaidh an uamh ùisneachadh; lorgadh buill-acainn air an dèanamh à clach-spòir. Tha sin a dearbhadh gum biodh sealgairean a’ tadhal air an uaimh bho àm gu àm. Rinn iad sin tron linn Nuadh-leacaich agus tro Linn an Umha. Tha coltas ann gun do dh’fhàs an àite na bu chudthromaiche timcheall air a’ bhliadhna 800 RC. Aig an àm seo chaidh cagailte mhòr a thogail faisg air beul na h-uaimhe. Chleachdadh beul na h-uaimhe cuideachd airson rudan pearsanta a thasgadh neo is dòcha airson tachartasan cràbhach no deas-ghnàthach a chumail.

Rè mìle bliadhna rachadh na cleachdaidhean seo a chumail a’ dol. Mu dheireadh thall dh’fhàs tom de luath na cagailte cho àrd gun robh cunnart ann gun rachadh beul na h-uaimhe a dhùnadh. Mar sin chaidh staidhre de mu cheithir meadar a dh’ fhaide a thogail feuch am faigheadh a-steach dhan uaimh a-rithist.

B' ann glè thrang a bha an uamh aig an àm ud, chaidh ceudan de rudan pearsanta a cladhachadh fo thalamh timcheall air a' chagailte agus làr na h-uaimhe, m.e.: prìnean de chnàimh is de dh’umha, bioran de chabair, grìogagan gloinne is ìbhri.

Lean na cleachdaidhean seo air adhart gus a’ bhliadhna 40 RC. An uair sin chaidh an staidhre a lìonadh le creagan agus ùir. Chaidh corp boireannaich, corp leanabh gun a bhith a’ breith mu cheithir mìosan a dh’aois agus corp pàiste mu naoi neo deich mìosan a dh’aois a chur air mullach stuth a chuireadh air an staidhre ann an dòigh mar gum biodh dùil aig muinntir an àite casg a chur air tadhail na h-uaimhe tuilleadh.

Cha do chleachdadh an àite as dèidh sin airson 1500 bliadhna, gus an do thogadh àirighean an seo anns na Meadhan Aoisean. Chithear làrach de thrì bothain-àirigh agus dà bhuaile faisg air an uaimh.

An-diugh 's e tom feurach leth-chruinn a tha ann an Uamh Àrd–Achaidh le dìg no dhà air an cladhadh troimhe. Chìthear an staidhre agus tha bothan ann far a bheil na rudan inntinneach an taisbeanadh. Gheibh an luchd-turais fiosrachadh a bharrachd air na sanasan-fiosrachaidh a chaidh a chur an àrd timcheall air an àite.

Tha dùil gun cuirear chrìoch air a’ chladhachadh anns a' bhliadhna 2009, 's gun tèid aithris mu dheidhinn fhoillseachadh ann an 2011.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Bell, B.R. & Harris, J.W. (1986) An Excursion Guide to the Geology of Skye, duilleag 84-93, Geological Society of Glasgow
  2. Ryder, P.F. (1995) The Limestone Caves of Scotland Part 5: Caves of Skye, duilleag 3, Grampian Speleological Group Occasional Publication Number 7, Dùn Eideann

Litreachas[deasaich | deasaich an tùs]

  • Martin Wildgoose, Steven Birch: Uamh Àrd-Achaidh - High Pasture Cave Project. (Beurla/Gàidhlig), foillsichte 2007, Historic Scotland

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]