Tryleg
O Uicipeid
| Tryleg | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Ceàrn | |
| Co-chomharran | 51° 44’ 43 Tuath 02° 43′ 24 Ear |
| Feartan fiosaigeach | |
| Àireamh-shluaigh | 2,428 (2001) |
| Àireamh fòn | 01600 |
‘S e clachan ann an ceann a deas Chuimrigh a th’ann Tryleg (Beurla: Trelech, Treleck neo Trelleck). Tha an t-ainm a’ ciallachadh Trì Sglèatan bho dhà fhacal anns a’ Chuimris: tri agus llech (sglèat). Chaidh am baile a stèidheachadh anns na meadhan aoisean, nuair a bha e na fiù’ s bu mhotha na Chepstow. Tha e suidhichte anns an t-Siorramchd (Cuimris: Sir) Fynwy, eadar Llanisien agus Trefynwy, ri taobh na Coilltean ris an canar Dyffryn Gwy, air an àirde an ear na siorramachd, dìreach ri taobh na crìochan le Sasainn. Tha am baile fhèin aig 158m os cionn ìre na mara[1] aig astar dhe 85km bho Abertawe agus 43km bho Chaerdyff prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 2,428 daoine a’ fuireach anns an sgìre.[3]
Daoine Ainmeil [deasaich]
- Bertrand Russell: (1872 – 1970) Sgrìobhadair a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1950.