Tractar

O Uicipeid


Tha an alt seo mu deidhinn tractaran de h-uile seòrsa. Tha tuilleadh fiosrachaidh air tractaran airson àiteachais anns an alt tractaran-àiteachais.

Is inneal-slaòdaidh a tha ann an tractar (Laideann: trahere, tarraing à).[1] Seòrsa carbaid dealbhaichte a tharuinn carbad eile, neo inneal.

Air barrachd an tractar-àiteachais tha iomadh nòs tractair sonraichte ri dleasdanasan eile, nan measg tractaran-gunna, nos tractar a chaidh air togail eadar c.1905 agus na 1950an gus tarruinn gunnaichean-achaidh airm. Anns an gniomhacais ghiulain-rathaid chanar tractar, neo aonad-tractair, ris an aonad-slaodaidh de laraidh-altaichte agus air rathaidean-iaruinn chanar tractar ri inneal beag aotrom, airson gluasad carbadan bhathair taobh a-steachd garaidhean neo ùtraidean priobhaideachd.

Tractar Àiteachais[deasaich | deasaich an tùs]

Mar is tric chanar tractar ri tractar-àiteachais, nòs tractair sònraichte ri obair-fhearainn agus tarruinn innlean àiteachais, bu sònraichte cruinn-treabhaidh, cliathaich, lunnan, drìlean-sile, agus trèilearan.





Tha am Froelich Foundation a'cumail a-mach gun do nochd a' chiad tractar-àiteachais ann an Iowa sa bhliadhna 1892. Innlichte le John Froelich, is e a bha ann ach inneal-siubhalach a dh'iomain inneal-bualaidh [2].

Tractar-Slabhraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tractar-slabhraidh Hornsby c.1906. Dealbhaichte le David Roberts

B'e Robert Hornsby and Sons companaidh innleadaireachd-àiteachais, de Grantham, Sasainn a thog na chiad tractaran-slabhraidh, eadar 1905 agus 1910. Thog iad còig tractaran-slabhraidh uile gu leir.

  • Triur, iomanaichte le innealan-ola troma (paraffin) de cumhachd eadar 25 agus 105 eich a bha aig amas a bhi na tractaran-gunna. Tha an dealbh a'riochdadh aonar de na tractaran seo, 's docha Aireamh 1 neo Aireamh 2.
  • Carbad-slabhraidh a bha steidhichte air carbad-mhotoir Rochet-Schneider agus a ranaig astar 40 mph air deuchainn.
  • Agus tractar-smuid, "The Hornsby Mammoth", cumhachd 80 eich, airson tarruinn gual anns an Yukon.

Chaid turachadh air an ród-slabhraidh le David Roberts , Ceannard-innlichidh agus Stiuraiche Manaidsidh a'chompanaidh anns a'bhliadhna 1904. Anns a'bhliadhna siud fhuair Roberts patant airson ród slabhraidh an crutha bonn slabhraidh dubailte, uidheamaichte le spogan air an taobh a-muigh, agus prinean air an taobh a staigh. bhiodh an slabhraidh na bonn, a ruith mun chuairt roth fiaclach aig toiseach agus deireadh a'charbaid. Bhiodh cuideam a' charbaid air a ghiulan air roithlean, steidhichte air tobhtachain a bhiodh suidhichte air gach taobh a'charbaid. Mar sin nuair a bhitheadh an inneal a'gluasad air adhart, bhiodh na roithlean nan ruith air an ród taobh a-stigh an slabhraidh. Bhiodh an roth fiaclach aig an toisich a'leigeil ród a roimhe na roithlean agus bhiodh an roth deireanach a'togail an ród às an deidh. Mar sin, na shiubhal air adhart, bhiodh an t-inneal a leigeil sios an ròd (rathad) aige fhein gu leantainneach. Bhiodh na roithlean a ruith air an ròd gus bhiodh na rothan fiaclach a'tarruin an t-inneal thairis an ròd.

Chuir Hornsby ròdan-slabhraidh air tractor de 17 tunna ann an 1905, agus air tractor eile de 12 tunna ann an 1906, thogadh treas tractar ann an 1910. Chaidh taisbeanadh air na tractaran seo don arm Breatuinneach ach ged a bha uidhe annta aig a' Chomataidh airson Giulan Meiceanagachd cha robh oifigearan nan Gunnaichean mora deonach a ghabhail leota. Ged a bha Hornsby air creidsinn gum biodh margaid airson tractaran slabhraidh ann an aiteachais Breatuinneach, dh'fhailig iad a reic gin dhaibh ri tuathanach. Ann an 1911 reic Hornsby am patant aca ri Holt Manufacturing Company, anns na Staitean Aonaichte, a shoirbhich an reic tractaran slabhraidh- an da chuid ri tuathanaich an Ameirice agus, taobh a-steachd bliadhna, ris an arm Bhreatuinneach...

Nas anamoch chaidh posadh eadar Holt agus C.L. Best fo ainm The Caterpillar Tractor Company.

Tractar-gunna[deasaich | deasaich an tùs]

Chuir an arm Fhrangach feum air tractaran-ghunna rè a'Chogadh Mhòr (tractar Hoilt an seo, 's an Vosges, An t-earrach, 1915).

B'e Tractar-ghunna a bha 'san carbad-smuid a thog Nicholas Cugenot, innleadair Frangach ann an 1769. Cha do shoirbhich leis a' charbad a thog Cugenot, ach nuair a chuireadh carbadan-mhotoir an sàs ann an modh-ghiulan feachdan-armaichte, proiseas a thoisich roimhe 1914, chaidh togail air tractaran sonraichte ri tarruinn gunnaichean-mor. Chaidh leasachadh leantainneach air tractairean-ghunna, an da chuid tractaran-slabhraidh agus tractaran cuibhlte, a chaidh air bonnaibh-pneumatachd roimhe an darna chogadh mhòr, leasachadh a chaidh comhla le leasachadh air na gunnaichean fhèin, gus am biodh iad comasach a shiubhal aig astar air rathaidean reith.

Tractar (Laraidh-Altaichte)[deasaich | deasaich an tùs]

Tractar-rathaid Leyland T45

Is e tha ann an laraidh-altaichte ach tractar agus treilear. Is e carbad fa-leth a tha anns an tractar, a bhitheas ruith air dha neo tri aisealan. Tha eisimplirean Eorpach comasach a shiubhal aig astar suas ri 80 cileometre anns an uair agus ghiulan iad suas ri 8 tunna air gach aiseal. Bithidh tractairean Breatuinneach (Eorpach?) uidhemaichte le riaghaladairean-einsein a chuireas casg air cumhachd nuair a bhitheas iad air ruigsinn 80 cpu (56 miltean/uair).

Tha creit-ruith iosal aig na tractoraibh seo, agus ard-lair beag claonta aig a'chulaibh air am bith toiseach an teilear na suidhe nuair a teid a h-altachadh ris an tractar. Is abhaist don caradair (motor) a bhi os cionn aiseal an toisich agus bhothag an draibhear os cionn a' charadair. Nuair a bhitheas beulaibh an treilear altaichte ris an tractar, tha an t-eagar seo ag aobhrachadh gum bi leth chuideam an treileir air aisealan chulaibh an tractair agus an dara leth de cuideam an treileir air na cuibhlichean ga chulaibh. Tha seo ag aobharachadh cothromachadh eadar na cuideaman a tha gach aiseal a'giulain, suidheachadh a tha cuideachdail do siubhal sabhailte, bu sonraichte mas fheudar do an draibhear deanamh stad-an-eiginn neo ma bhitheas an rathad sleamhuinn.

Faodaidh do aon neo dha aiseal a bhi aig culaibh an treilear ach is abhaist do aiseal dubailte a bhi orra. Tha cruthan eadar-dhealaichte de treilear a reir an seorsa bathair a bhitheas iad uidhemaichte a ghiulain: Tha treilearan ard-lair freagarach ri luchdan de aonadan mora coitchean: innealan mor, pioban, gadan stailinn msaa. Cleachdar treilearan bhucais airson meinne agus uaireanan airson sil agus buntatan. Cleachdar treilearan ceann-cruaidh, den nòs bhana le dorsan aig a'chulaibh neo le taobhaibh cuirtear airson bathair luach-airde a bhiodh millte le uisge.

Tractar-Reile[deasaich | deasaich an tùs]

Tractar-reile RT20 aig Swan Hill, Bhictoria, 2006

B' e Motor Rail à Bedford a rinn an cuid bu mhòr de tractaran-reile a chaidh air togail ann am Breatuinn. Ann an 1921 cheannaich an North British Railway Company ti de na h-innlean seo. B'ise a'chiad inneal-reil iomainichte le caradair-pheatroil air rathad-iaruinn poblachd ann an Alba.

Is e sar-eisimplir de tractar-reile a tha ann an RT 20 aig Freight Australia(dealbhaichte aig Swan Hill, Bhictoria, Astràilia ann an 2006). Chaidh togail air an tractar seo le Victorian Railways anns na h-obraichean aca fein. Tha Rathaidean-iarainn Bhictoria do geidse 1600mm, mar a tha Iarnród Éireann.

Tha an tractar steidhichte air beart-ruithe de seann carbad-bhathair aig an robh rothan basaichte. Tha e iomainichte le caradair Fhordsoin, a tha ri faicinn fo currag bhuidhe a roimhe na bothaig. Tha sin ri ràdh gur e enseinn de seann tractar-àiteachais (Fordson)a tha ga gluasad. Is eagar cuibhleachd an tractair 2-2-0, a comharrachadh nach eil ach an dara charaid rotha (fo na bothaig) iomainichte. Chithear gu bheil iomain deireannach tro roth fiacalach air an aiseal-iomain. Tha e uidheamichte le ceangaileadair meadhanach, a dheanas an da chuid tarruinn agus putadh ri carbaidean a bhitheas ceangailte ris.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Latin Dictionary
  2. Froelich Tractor


Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]