Tormod MacGill-Eain
O Uicipeid
Pìobaire, bàrd, sgeulaiche, ùghdar, cleasaiche, craoladair agus "stand-up" , tha Tormod MacGill-Eain no Norman Maclean glé ealamh is ioma-ealanta. Bha prògram Tbh aige fhéin, air an robh Tormod air an Telly, far an d' rinn e spòrs is fealla-dhà agus tha e gu math ainmeil air feadh nan Gaidheal is na Gaidhealtachd.
Tha e air ceithir leabhraichean a sgrìobhadh sa Ghàidhlig, Keino,Cumhnantan agus fon tionnsgnadh Ur-Sgeul Dacha mo Ghaoil agus Slaightearan. Tha a' chiad fhear mu dheidhinn féis agus adhaltranas, agus an dàrna fear mu dheidhinn nam meadhanan Gàidhlig.
Ann an 2009, nochd eachdraidh-beatha, The Leper's Bell, sgrìobhte sa Bheurla a-mhàin.