Tony Kearney
Tha Tony Kearney ainmeil air feadh na h-Alba mar chleasaiche ann an River City agus mar chleasaiche agus preasantair air prògramman Gàidhlig.
Susbaint |
A Bheatha [deasaich]
'S ann à Barraigh a tha Tony. [1]
Obair [deasaich]
Bha e anns a' chiad siabann Gàidhlig a bh' ann a-riamh, Machair, bho 1993 gu 1998 mar 'Calum'.
Ghabh e pàirt air Dè a-nis? far gur e coineanach mòr a bh' ann, Calum Coineanach, aig an robh òran: 'Ho Ro Calum Coineanach'.
Bha e a' cluich 'Scott Wallace' air River City, caractair a bha ag obair ann am bàr. Bha sgeulachdan dorcha air Tony ri chluich: gun deach a sgaradh on a theaghlach air sgàth gun robh e gèidh, bàs 'athair agus dh'fheuch Scott cur às dha fhèin. [2]
Ann an 2011, chluich e ann an 'Somersaults', dealbh-chluiche Beurla le Iain Fionnlagh MacLeòid airson Dràma Nàiseanta na h-Alba. [3]
Tha e air dà shreath de 'Turas Tony' a dhèanamh airson BBC Alba.
Radio [deasaich]
| Ceann-latha | Tiotal | Pàirt | Stiùiriche | Sgrìobhadair | Stèisean |
|---|---|---|---|---|---|
| 28 Dàmhair 2003 | The Time Between Two Tides | Cass | Gaynor Macfarlane | BBC Radio 4 Afternoon Play | |
| 8 Faoilleach 2004 | Bampot Central[4] | Jyzer | Lu Kemp | Christopher Brookmyre | BBC Radio 3 The Wire |
| 29 Màirt 2004 | Nude, Untitled | Davey | Lu Kemp | BBC Radio 4 Afternoon Play | |
| 8 Dùbhlachd 2005 | Iona[5] | Andrew | ? | Rhiannon Tise | BBC Radio 3 The Wire |
Aoigh [deasaich]
| Ceann-latha | Tiotal | Pàirt | Stiùiriche | Sianal |
|---|---|---|---|---|
| 1 Faoilleach 2013 | Machairazzi | Cass | Gaynor Macfarlane | BBC Alba |
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ http://www.thescottishsun.co.uk/scotsol/homepage/news/2556112/Filming-death-scenes-left-River-City-star-an-emotional-wreck.html
- ↑ http://www.thescottishsun.co.uk/scotsol/homepage/news/2556112/Filming-death-scenes-left-River-City-star-an-emotional-wreck.html
- ↑ Fisher, Mark (22 March 2011). "Somersaults - review". The Guardian. Retrieved 19 September 2011.
- ↑ BBC – The Wire – Bampot Central
- ↑ BBC – The Wire – Iona