Tighearna

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Tha Tighearna (àitheanta cuideachd cho Triath, Morair, no Duine-uasal) 'na fhear gu bheil cumhachd agus comas aig. Bidh ciallan air leth aige an crochadh ris a' bhrìgh a chleachdadh.

Ann am brìgh cràbhach, 's e ainm a th' anns An Tighearna a' toirt iomradh air Dia, agus gu h-àraidh leis na Creideamhan Abrahamach (Iùdhachd, Ioslamachd, agus Crìosdaidheachd). 'Sa chreideamh pàganach an Wicca, th' ann dà diathan, aon fireannach agus aon boireannach; tha an Dia air thoirt iomradh air An Tighearna agus tha a' Bhan-dia air thoirt iomradh air A' Bhaintighearna.

Facal-freumhachd agus cleachdadh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an facal-freumhachd an fhacail tighearna bhon tiarna na Gaeilge, bhon fhacal na Gaeilge shean tigerne, sa' Chuimris teyrn, sa' Chuimris shean -tigern, sa' Chòrnais teern, 'sna Bhreatannais shean tigernus: *tegerno-s, tegernio-s, an fiamh teg de tigh, an dealbh sean de taigh; faodaidh an t-adhartas de tighearna agus baintighearna bho "an fear an taighe" agus "a' bhean an fhir an taighe" dhan chiall de "bean-uasal" dealbhaichte air a bhith leis an atharrachadh gun tig ri cànan; dh'èirich "fear an taighe" agus "bean an taighe" ri "duine-uasal" agus "bean-uasal", agus tha na ciallan seana à cleachdadh a-nis.

Ann an roinn nan dualchas na Roinne-Eòrpa, bidh an facal co-ionnan air chleachdadh ri ainm cumanta de labhairt ri, ionnanach ri Maighstir (air uairibh air fhaicinn ri Mgr) (Fraingis Monsieur, Spàinnis Señor, Eadailtis Signore, Gearmailtis Herr, Pòlainnis Pan)