Taigh-solais Àird nam Murchan

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Taigh Solais Aird nam Murchan)
Taigh-solais Àird nam Murchan

Tha Taigh-solais Àird nam Murchan suidhichte aig Rubha Àird nam Murchan, mu leth mhìle air falbh bhon chnoc bheag ris an canar Corrachadh Mòr, an t-àite as fhaide iar air tìr-mòr Bhreatainn. 'S ann an seo far bhios a’ chladaich dheasaich den leth-eilean Àird nam Murchan (a’ leantainn Loch Suaineart agus a' Chaol Mhuilich) a’ ruith le chèile leis a’ chladaich thuathaich a tha air ruith le Rùm, Eilean nam Muc, Eige agus leis an Eilean Sgitheanach. 'S e seo na co-chomharran a tha aige: 56° 43.6 Tuath agus 6° 13.4 Iar.

Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eilear cinnteach cò às a thàinig ainm an taigh-solais. Tha dà bheachd ann: Tha aon mhìneachadh ag ràdh gun tàinig e bho na faclan "Àirde" agus "Muirchu" (biast dhubh) neo ròn[1] agus a' ciallachadh: àite nam biastan dubha. Tha mìneachadh eile ag ràdh gu bheil an t-ainm ceangailte leis an fhacal: "Muirchol" leis a' chiall: àite spùinneadairean-mara.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

'Sa bhliadhna 1845 cheannaicheadh 20 acair-fearainn bho Alexander Cameron airson 20 nòtaichean. Fhuair e cuideachd 58 nòta airson nan trioblaidean a bha aige aig an àm nuair a bha an taigh solais air a thogail.

Rinn Alan Stevenson an dealbhadh. Bha esan a’ buntainn do theaghlaich Stevenson, a bha ainmeil air sgàth 's gun robh iad a’ dealbhaidh an cuid as motha de na taighean-solais ann an Alba. 'S e Taigh Solais Àird nam Murchan an t-aona fear air feadh an t-saoghail a tha deilbhte anns an stoidhle Èipheiteach [2] . Chaidh an tùr a thogail le clachan eibhir a thàinig às an eilean Muile. Bathar ag obair trì bhliadhnaichean gus an robh an taigh-solais deiseil. San 5 an Dàmhair 1849 chaidh an solas a losgadh airson a' chiad turas.

An uair sin bha dithis luchd-obrach a' fuireach an-seo, b' e 18 nòtaichean gach bliadhna am pàigheadh a bha aca. Bha cothrom aca cuideachd dà bhò agus dusan caoirich a chumail airson a bhith beò.

Sa madainn 22 am Faoilleach 1852 bha stoirm mhòr ann, chaidh pìosan den tùr a bhriseadh le dealanach. Thuit 40 troigh den rathad anns a’ mhuir agus bhris an cuid as motha den bhalla, a tha timcheall na togalaichean, sìos. Ged a bha bàta na luchd-obrach na laighe 15 troighean nas àirde na a’ mhuir làn mu dheireadh, bhris e às a chèile fo chumhachd nan tonnan àirde.

Bhon bhliadhna 1988 bidh an taigh solais ag obair fèin-ghluasadach, bidh an Northern Lighthouse Board a’ gabhail cùram air a-nise. Bhon bhliadhna 1996 tha taigh an luchd-obrach agus na togalaichean eile aig an Ardnamurchan Lighthouse Trust. Tha ionad airson luchd-turais ann a-nise. Gheibh an luchd-turais fiosrachadh a bharrachd air sanasan-fiosrachaidh ann am Beurla agus ann an Gàidhlig a chaidh a chur an àrd aig cois an taigh-solais.

Togalaichean[deasaich | deasaich an tùs]

An rathad, air an làimh chlì tha an solas-trafaig

Tha an taigh-solais 35 meatair a dh’àird os cionn an talamh, tha staidhre ann le 152 ceum. Tha e 55 meatair a dh’àird os cionn na mara, tha an solas ri fhaicinn aig astar 24 mìltean. ‘S e sin an comharra aige: Flashing (2) White every 20 Secs.

Aig cois an taigh-solais tha inneal dearg ann airson fuaim àrd mhòr a dhèanamh, ma bhios e ceòthach. Ach chan eil an inneal seo ag obrachadh, tha fear ùr dealanach am broinn an tùir.

Dh’atharrachadh taigh luchd-obrach gu taigh tasgaidh. Tha an taisbeanadh a’ sealltainn ciamar a bhios an taigh solais ag obrachadh. Tha seòmar eile ann làn fhiosrachaidh mun dòigh beatha na luchd-obrach anns na 1940an. Air a thaobh tha taigh nan innealan. Anns an t-seann stàball tha cafaidh agus bùth ann a-nis.

Tha an rathad chun an taigh-solais gu math caol is lùibeach, mar sin tha solas trafaig ann. Canar gur e sin an t-aona fear a tha ann airson 50 mìle.[3]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Iain Mac an Tàilleir (pdf-Datei), "Placenames", Duilleag 7, Pàrlamaid na h-Alba (Beurla)
  2. ardnamurchanlighthouse (Beurla)
  3. undiscoveredscotland (Beurla)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: