Taigh-solais Bell Rock

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Taigh-solais Creag a' Chluig)
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Taigh-solais Innis Cheap (Bell Rock)

'S e an taigh-solais maireachdainn as sine air feadh an t-saoghail a tha suidhichte air sgeir a tha ann an Taigh-solais Bell Rock.[1] Chaidh a thogail eadar 1807 is 1810 le Robert Stevenson air Innis Cheap. Tha e anns a’ Mhuir a Tuath mu 11 mìle (18 km) san àird an ear an Linne Tatha. Tha e cho àrd ri 35 meatair (115 troigh) agus chithear an solas aige mu 35 mìle (56 km) chun na dùthcha.[2]

Rinneadh obair clachaireachd cho math agus aig ìre cho luachmhòr, nach robh leasachadh no ath-thogail a dhith air anns na 200 bliadhna sa chaidh. Chaidh lampaichean ùra agus dealradairean ùra a chur an àite an seann fheadhainn anns a' bhliadhna 1842, agus bho 1988 a-mach tha e ag obair fèin-obrachail.

Bha obair an taigh-solais ceangailte ri stèisean-obrach air tìr, Bell Rock Signal Tower, a chaidh a thogail ann an 1813 aig obar port-mara Obar Bhrothaig. An-diugh, thèid a chleachdadh mar ionad luchd-tadhail is taigh-tasgaidh gus eachdraidh, dòigh-thogail, is dòigh-obrach an taigh-solais a thaisbeanadh.

Ainm an taigh-solais[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh a' chreag ainmichte mar "Inchcope" ann an 1540 le Alexander Lindsay, ach cha do nochd e air na seann mhapaichean costa an ear na h-Alba gus 1583, nuair a chuir Wagenhaer, neach- dealbhadair mhapaichean às an Òlaind, an t-ainm "Tscaep" ris. Le blàs Duitsis tha an t-ainm seo caran coltach ri "Shcopp", agus is dòcha ceangailte ri "Inchcope". [3] Tha beachd air bharrachd aig Scottish Place Names Society gur dòcha gun cuala Wagenhaer na seòladairean Albannach ag ràdh "Scaup" ris a’ chreag seo, seann ainm sa Bheurla Ghallda airson creag làin-mhara neo leabaidh fheusgan.[3]

Nochd e ann an 1693 air mapa foillsichte le Greenville Collins mar "Inchcape" agus a rèir Haswell-Smith thàinig sin bho ainm Gàidhlig[4]. (Gàidhlig: Innis Ceap[5]) Dh'atharraich ainm na creige a-rithist, ann an 1703 (mapa Adair) gu "Scape" agus ann an 1785 (mapa Ainslie) gu "The Scape or Bell Rocks". Mu dheireadh thall nochd e ann an 1792 (mapa Murdo Mackenzie) mar "the Cape or Bell Rock". Agus 's e sin an t-ainm a chaidh a chleachdadh ann an Achd na Pàrlamaid anns an thugadh cead gus an taigh-solais a thogail.[3] Chithear e mar "Bell Rock Lighthouse" air a' chiad mhapa ùghdaras a' chabhlaich ann an 1815 agus chaidh an t-ainm seo a chleachdadh bhon uair sin.[3]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. "Bell Rock Lighthouse". David Taylor. A' tarraing air 17. 1. 2014.
  2. "Bell Rock Lighthouse". Northern Lighthouse Board. A' tarraing air 17. 1. 2014.
  3. 3.0 3.1 3.2 3.3 Mackay, Peter. "The Bell Rock over the centuries". bellrock.org.uk. A' tarraing air 8.5.2014. (Beurla)
  4. Haswell-Smith, Hamish (2008). The Scottish Islands, td 488. Dùn Èideann: Canongate. ISBN 9781847672773. 
  5. Stòr-dàta SMO