Taigh-òsta Taigh an Rìgh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Taigh-òsta Taigh an Rìgh

'S e taigh-òsta air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Taigh-òsta Taigh an Rìgh. Tha e suidhichte ann an àite gu math iomallach mu dhà chilemeatair air falbh bho cheann an ear Glinne Comhainn aig comar Ghleann Eite. Tha e faisg air a' mhòr-rathaid agus tha a' bheinn Buachaille Eite Mòr air an taobh eile dhen rathaid. Mu dheas tha am Mòinteach Raineach ann. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 38′ 59.5″Tuath agus 4° 50′ 22.88″ Iar.

Faighear biadh is deoch anns an taigh-òsta. Tha 22 seòmraichean-chadail ann cuideachd.

Tha an taigh-òsta ainmichte mar seo air sgàth 's gun robh na saighdearan Breatannach a' fuireach an seo an dèidh Blàr Chùil Lodair ann an 1746.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh an taigh-òsta a thogail anns an 17mh linn agus canar gur e aon de na taighean-òsta as sine a tha ann an Alba. Tha e air an seann rathaid armailteach ris an canar Wade road a bha a' leanntainn tron Mhòinteach Raineach. Tha an seann rathad a-nise na phàirt dhen West Highland Way.

Ann an 1803 sgrìobh Dorothy Wordsworth, piuthar den bhàrd William Wordsworth, mu na làithean a chur i seachad anns an taigh-òsta:

Never did I see such a miserable, such wretched place, – long rooms with ranges of beds, no other furniture except benches, or perhaps one or two crazy chairs, the floors far dirtier than an ordinary house could be if it were never washed. With length of time the fire was kindled and after another hour of waiting, supper came, a shoulder of mutton so hard that it was impossible to chew the little flesh that might have been scraped off the bones.

Ach dh’fhàs cuisean na b' fheàrr tro na bliadhnaichean a bha ga leanntan. Anns an 19mh linn b' e deagh àite-fuirich a bh’ ann airson luchd-siubhail a bha air turas eadar Bail' a' Chaolais agus Loch Laomainn seachad air Taigh an Droma. Sgrìobh saighdear à Dùn Dèagh, Alexander Wilkie, aig toiseach na 19mh linn:

Arriving at Kings House Inn I have a hearty welcome. Tea, my clothes and shoes dried. Next morning after a walk round I go in for breakfast. What shall I have? – grapefruit? What! can I have grapefruit in Kings House; of course I can; and so I have grapefruit, and porridge and cream, and fish, and everything just like a west end city hotel. I tell you I am well looked after and at a charge so moderate that I am almost ashamed of my appetite.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]