Tìr na h-Eaglaise

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Tìr na h-Eaglaise
Terregles Parish Church.jpg
Mapa dg tìr na h-eaglaise.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 04′ 44″ Tuath
03° 40′ 33″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Tìr na h-Eaglaise aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail air iomall Dhùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Tìr na h-Eaglaise (Laideann: Terra Ecclesiae, Cuimris: Tir-eglwys).[1] Tha e suidhichte aig 98m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), faisg air an Abhainn Uisge Cluden.[3] Tha e 250km air falbh bho Obar Dheathain, 94km bho Ghlaschu, 36km bho Chille Chuithbeirt agus 102km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Tìr na h-Eaglaise. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus dreuchdan ann an Dùn Phrìs. A bharrachd air sin, tha muileann-sàbhaidh ann[5] Taobh fhoghlaim, chan eil bun-sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan sgoil ann an Dùn Phrìs.

Eachdraidh[deasaich | edit source]

Fhuair am baile a chuid chòirichean mar Borgh a' Bharain (Beurla Ghallda: Burgh of Barony) ann an 1510, agus le sin b' urrainn dhan thighearna margadh a chumail agus ceartas a chur an gnìomh.[6] Chuir Màiri I seachad oidhche neo dhà an seo san taigh aig an Tighearna Herries, an dèidh Chath Langside ann an 1568,[7] mus do dh'fhalbh i gu Dùn Droighnein agus Sasainn. Chaidh Herries gu Lunnainn gus taic a thoirt dhan Bhan-righ. Bha an teaghlach Herries dìleas dhan Eaglais Chaitligeach agus do iomairtean nan Seamusach. Chaill an seachdamh Thighearna a chuid oighreachdan air a shon ann ann 1716. Thogadh Lùchairt an seo ann an 1776, a chaidh leasachadh ann an 1848. Reic na Herries an luchairt anns na 20an. Bha an taigh na ghearasdan Nirribheach[8] ri linn An Dàrna Cogaidh. Chaidh seipeal a thogail an seo ann an 1585[9] agus chaidh e a leasachadh ann an 1824. Thogadh eaglais a' pharaiste ann an 1799.

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Placenames
  2. Elevation Map
  3. Scottish Places
  4. Distance From
  5. Mister What
  6. Scottish Places
  7. Bain, Joseph, Calendar of Scottish Papers 1563 - 1569, Dùn Èideann, 1900
  8. Stravaiging
  9. Canmore