Sugamuxi

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

B' e Sugamuxi (a chaochail ann an 1539) riaghladair Co-chaidreachas nam Muisca (neo Iraca) ann an Tìr nan Chibcha. Tha an t-ainm sin a’ ciallachadh "Am Fear air Falach" agus ‘s e fear-ionaid Nompanim a bh’ann, ged gur e ùghdarras nas dhiadhiadh na sìobhalta a bh’ann. Bha e na caidreabhach an Zaque ann an strì an aghaidh an Zipa Nemequene. Ach nuair a bhàsaich an Zipa, cha do chuir e taic gu Quemuenchatocha is bha e dìreach airson còrdadh na sìthe fhaighinn. Le sin, B’ urrainn dhàsan sgur-cogaidh dhe fichead mìosan (dà bhliadhna) a lorg eadar na cinn-feadhna comhstrìtheach sin.

Ràinig na Spàinntich fhad ‘s a bha an sgur-cogaidh ann fhathast. Thoisich iadsan le buaidh a thoirt air na tìrean a bha aig an Zipa is an uair rinn sin iad an gnothach air an Zaque, Tundama agus Sugamuxi cuideachd. Thathar an dùil nach robh ach iargail bheag neo dhà ann. Rinn neart armachd nan Spàinn an gnothach orra gun dragh. Ann an 1539, nuair a bha iad ga shìreadh, chuir na Spàinntich lasair ris an Teampall beartach ann an Sogamoso gun fhiosda, is le sin rinn iad droch mhilleadh air a chuid ionmhais. Chaochail Sugamuxi an ceann greiseag mar "Don Alonso", an t-ainm bàistidh ùr aige.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]