Stendhal
| Stendhal | |
| Fiosrachadh | |
| Rugadh | |
| Bàs | |
| Obair | Litreachas |
| Cànan | Fraingis |
| Linn | 19mh linn |
| Gluasadan | Fìorachas |
| Creideamh | Caitligeach |
B’e Marie-Henri Beyle neo Stendhal ùghdair Fraingeach a bha an sàs ann an litreachas fad a’ chiad leth na 19mh linne. Rugadh e ann an Grenoble air an 23mh latha dhen Fhaoilleach 1783 agus chaochail e ann am Paris air an 23mh latha dhen Mhàrt 1842. Chleachdadh e tòrr ainmean pinn, mar eisimpleir Louis Alexandre, Anastase de Serpière agus Bombet[1], a bharrachd air Stendhal agus Stendalis[2]
Chaidh e dhan Arm ann an 1800, is bha e gu math trang ag obair mar fhear-riaghlaidh an Airm ri linne Iomairt an Ruis ann an 1812. Bha e uabhasach dèidheil air an ealain agus air An Eadailt is rinn e tòrr tursan an siud. Thòisich e a’ sgrìobhadh abaltanan mothachail mar L'Histoire de la peinture, (Gàidhlig: Eachdraidh a’ Pheantaidh), a thòisich e ann an 1817. Ach chleachd e an t-ainm “Mgr. Stendhal, oifigear eachraidh” (Fraingis: ”M. de Stendhal, officier de cavalerie”) airson na chuir e sa chlò san Roimh, ann an Napoli agus ann am Firenze anns an Sultain 1817[3]. Fhuair e an t-ainm pinn sin bhon Bhaile Stendal anns a’ Ghearmailt, far an do rugadh Johann Joachim Winckelmann, tràchdair ealaine agus àrceolaiche ainmeil aig an àm ud sin is a bharrachd air sin bha Stendhal a’ fuireach faisg air a‘ bhaile sin eadar 1807 agus 1808 nuair a bha e a’ sùgradh Wilhelmine de Grisheim. Chuir e an litir H anns an ainm airson gum biodh coltas na bu Ghearmailtiche air, leis gu robh e ag iarraidh gum bìte ga fhuaimneachadh mar «Standhal »[4].
Sgrìobh e Le Rouge et le Noir (1830), La Chartreuse de Parme (1839) agus Lucien Leuwen (nach do chrìonaich e). Thathar dhen bheachd gu bheil a chuid bildungsroman (nobhailean ionnsachaidh) cho cudromach mar na sgrìobh Honoré de Balzac, Victor Hugo, Gustave Flaubert agus Émile Zola, seach gur e fear dhe na sgrìobhadairean Fraingeach na bu chliùitiche na 19mh linne a bh’ann. Lorgaidh Stendhal “am fìoras, am fìoras searbh” anns na nobhailean aige, a sgrìobh e ann an nòs caomhnach dùinte, làn sgrùdaidhean eòlais-inntinn. ‘S e sgeulachdan mu dheidhinn òganaich romansach beothail, làn faireachdainnean is leis a’ ghlòir na inntinn, a th’ann a’ mhòr-chuid dhe na leabhraichean a sgrìobh Stendhal.