Stendal
O Uicipeid
Stendal
|
|||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | A’ Ghearmailt | ||||
| Ceàrn | Sagsainn-Anhalt | ||||
| Sgìre | Altmark | ||||
| Co-chomharran | 52° 36′ Tuath 11° 51′ Ear |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 268 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 42,717 (2009) | ||||
| Dlùths | 159.39/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | www.stendal.de | ||||
‘S e seann bhaile Hanse[1] anns a' Ghearmailt agus cridhe na sgìre ris an canar Altmark[2] (ceann an tuath na Sagsainn-Anhalt) a th’ ann an Stendal (IPA:ʃtɛnda :l). Tha e suidhichte ann an sgìre uabhasach torrach ri taobh na h-aibhne Elbe eadar Berlin agus Hànobhar.
Rugadh Johann Joachim Winckelmann, tràchdair ealaine agus àrceolaiche ainmeil an sin agus fhuair an sgrìobhadair Fraingeach Stendhal ainm-pinn bho Stendal cuideachd.[3]
Tha Stendal ainmeil airson na togalaichean agus eaglaisean ann an stoidhle Backsteingotik (clachan a rinneadh à criadh-loisgte).