Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
An Tosgan, Steòrnabhagh, far a bheil an Stòrlann stèidhichte an-dràsda

Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig na buidhinn leasachaidh a tha ag obair an co-phàirteachas le ùghdarrasan ionadail air feadh Alba gus foillseachadh agus sgaoileadh ghoireasan-teagaisg Gàidhlig a cho-òrdanachadh. Chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh ann an 1999 agus tha prìomh oifis aice ann an Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais.

Goireasan agus Pròiseactan[deasaich | deasaich an tùs]

An t-Alltan[deasaich | deasaich an tùs]

Bi an Stòrlann a' cur air dòigh co-labhairt gach bliadhna do thidsearan Gàidhlig, An t-Alltan. Tha An t-Alltan a’ toirt cothrom do thidsearan Gàidhlig tighinn còmhla, toirt sùil air iomairtean teagaisg agus ionnsachaidh ùra. Bidh shreath de dh’òraidean agus bùthan-obrach ann ceangailte ri goireasan a th’ air ùr nochdadh no a th’ anns a’ bheairt aig an Stòrlann.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]