Sorbais

As a'Wikipedia

Jump to: navigation, lorg
Sorbais (serbšćina)
Ga bruidhinn ann(s)
Luchd-labhairt iomlan

mu 50.000

Teaghlach-chànan

Indo-Eòrpach

Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Cànan oifigeil ann(s) a' Ghearmailt
Còdan Cànan
ISO 639-1 -
ISO 639-2 wen (teaghlach chànan)
hsb (Sorbais Uarach)
dsb (Sorbais Iosal)
ISO 639-3 hsb (Sorbais Uarach)
dsb (Sorbais Iosal)
Roinnean anns a' Ghearmailt, far a bheil Sorbais ga bruidhinn

Is e cànan Indo-Eòrpach a tha ann an Sorbais. Tha an cànan a’ buntainn do theaghlach nan cànanan Slabhach. San eachdraidh bha ainmean eile air: Wendish neo Lusatian. 'S e "wen" an cod ISO 639-2 a tha air.

Tha Sorbais ga bruidhinn air a' chrìoch eadar a' Phòlainn agus a' Ghearmailt agus ann am Brandenburg cuideachd.


Clàr-innse

[deasaich] An Cànan

Tha dà chànan ann: Sorbais Uarach (hornjoserbsce, Beurla: Upper Sorbian agus Sorbais Iosal (dolnoserbski, Beurla: Lower Sorbian). Tha Sorbais Uarach ga bruidhinn ann an Saxony le gu bhith 40,000 duine agus tha Sorbais Iosal ga bruidhinn ann am Brandenburg le gu bhith 10,000 duine. Canar Lusatia (Łužica ann an Sorbais Uarach, Łužyca ann an Sorbais Iosal, neo Lausitz anns a' Ghearmailtis) ris an àite, far am bi an dà chànan a' bhruidhinn.

Anns a' Ghearmailt tha inbhe thearainte is oifigeil aig Sorbais mar mhion-chànain. [1]. 'S e teis-meadhan beatha cultarach Sorbais Uarach a tha anns a' bhaile Bautzen neo Budyšin ann an Upper Lusatia. An seo tha Ionad na Sorbais (Sorbisches Institut - Serbski institut) suidhichte, a tha a’ dèanamh rannsachadh mun eachdraidh, chultar agus chànan Shorbais.

Tha Cottbus (Chóśebuz) na teas-mheadhan den chànain Sorbais Iosal.

Tha Sorbais ga bruidhinn cuideachd ann an sgìre bheag ann an Lee County, Texas.

Tha cuid ainmean anns a' Ghearmailt an Ear a' tighinn à Sorbais, m.e.:


[deasaich] Eisimpleir

Seo eisimpleir le Sorbais agus Gàidhlig a tha a' sealltainn an diofair eadar Sorbais Uarach is Sorbais Iosal:

Gàidhlig Sorbais Uarach Sorbais Iosal
Halò! Witaj! Witaj!
Madainn mhath! Dobre ranje! Dobre zajtšo!
Latha math! Dobry dźeń! Dobry źeń!
Feasgar math! Dobry wječor! Dobry wjacor!
Oidhche math! Dobru nóc! Dobru noc!
Tha mi à ... Ja sym z ... Ja som z ...
Ciamar a tha sibh? Kak so wam wjedźe/dźe? Kak se wam źo?
Ciamar a tha thu? Kak so ći dźe? Kak se śi źo?
Tha gu math, tapadh leibh/leat. Dźakuju so, wjedźe/dźe so mi derje. Źěkuju se, źo se mě.
Tha i brèagha an-diugh, nach eil? Rjane wjedro dźensa, něwěrno? Rědne wjedro źinsa, nic ga?
mas e do thoil/ur toil e prošu pšosym
tapadh leat/leibh dźakuju so źěkuju se
A bheil sibh a’ bruidhinn Sorbais? Rěčiće serbsce? Powědaśo serbski?
Càite am b’ urrainn dhomh… a cheannachd? Hdźe móžu ... kupić? Źo mogu ... kupiś?
Cia mheud a tha ...a’ cosg? Kelko płaći ...? Wjele płaśi ...?
Càite am b’urrainn dhomh cupa cofaidh òl? Hdźe móžu šalku kofeja pić? Źo mogu tasku kafeja piś?
Slàinte! K strowosći! Na Wašo strowje!
Slàn leat! Božemje! Na zasejwiźenje!
Tìoraidh! Měj so rjenje! Měj se derje!

[deasaich] Dealbhan

[deasaich] Iomradh

  1. European Charter for Regional or Minority Languages

[deasaich] Ceanglaichean a-mach