Sgoil Eòlas an Oirthir agus Afraga

O Uicipeid
Sgoil Eòlas an Oirthir agus Afraga
Facal Suaicheantais Knowledge is Power
Stèidhichte 1916
Suidheachadh Bloomsbury, Lunnainn, Rìoghachd Aonaichte
Làrach-lìn http://www.soas.ac.uk/

Bha Sgoil Eòlas an Oirthir agus Afraga (Beurla:School of Oriental and African Studies (SOAS)) stèidhichte ann an 1916 mar Sgoil Eòlas an Oirthir, le Afraga air a chuir ris an ainm anns na 1930an. 'S e prìomh amas na colaiste foghlam agus trèanadh a thoirt do luchd-riaghlaidh Breatannach a bhitheadh a' fàgail airson obair riaghlaidh air feadh an Impireachd. Bhon àm ud tha a' ghnè aig SOAS air atharrachadh agus is e a-nis am prìomh ionad air an t-saoghal airson eòlas agus foghlam mun Oirthir agus Afraga.

Mar colaiste ann an Oilthigh Lunnainn, bidh SOAS a' teagaisg Lagh, Saidheans Sòisealta, Ealain agus Cànain le cuideam air an Oirthir agus Afraga anns gach cuspair.

'S e leabharlann SOAS an ionad-ghoireasan aig Breatainn gu lèir airson an Oirthir agus Afraga agus am fear as motha de sheòrsa anns an Roinn Eòrpa.

Tha an sgoil air fàs gu mòr anns na bliadhnachan mu dheireadh; bho mu 1,000 oileanach ann an 1970 gu barrachd air 3,000 san latha an-diugh - le mu leth aca nan iar-cheumnaichean.

Tha dà ealain-lann air an stèidheachadh aig a' cholaiste cuideachd: Am Percival David Foundation of Chinese Art agus am Brunei Gallery.

A rèir an Times Higher Education Supplement bha e na 52mh oilthigh anns an Rìoghachd Aonaichte ann an 2016.[1]

'S urrainnear seann oileanaich a lorg ann an iomadach ìre agus suidheachadh cumhachdach ann am foghlam, lagh, dioplòmasaidh, naidheachdas, riaghaltas, ionadan eadar-nàiseanta, buidhnean neo-riaghaltasach (NGOan), bancaireachd, dualchas, ealain, na meadhanan agus oilthighean.

Daoine le ceangal ri SOAS[deasaich | deasaich an tùs]

Luchd teagaisg[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Best universities in the UK 2017 - THE Rankings(Beurla), Times Higher Education. 21mh dhen t-Sultain 2016. Air a thogail 18mh dhen Ògmhios 2017. 

Aistidhean co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]