Sgoil Eòlas an Oirthir agus Afraga

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Sgoil Eolas an Oirthir agus Afraga

SOAS Logo

Facal Suaicheantais "'S e Foghlam Cùmhachd" "Knowledge is Power."
Stèidhichte 1916
Suidheachadh Bloomsbury, Lunnainn, Rìoghachd Aonaichte
Oileanaich 3,200 gu lèir
Pairt de Oilthigh Lunnainn
Larach-lìn www.soas.ac.uk
Togalach SOAS

Bha Sgoil Eòlas an Oirthir agus Afraga ([[Beurla:School of Oriental and African Studies (SOAS)) stèidhichte ann an 1916 mar Sgoil Eòlas an Oirthir, le Afraga air a chuir ris an ainm anns na 1930an. 'S e prìomh amas na colaiste foghlam agus trèanadh a thoirt do luchd-riaghlaidh Breatannach a bhitheadh a' fàgail airson obair riaghlaidh air feadh an Impireachd. Bhon àm ud tha a' ghnè aig SOAS air atharrachadh agus is e a-nis am prìomh ionad air an t-saoghal airson eòlas agus foghlam mun Oirthir agus Afraga.

Mar colaiste ann an Oilthigh Lunnainn, bidh SOAS a' teagaisg Lagh, Saidheans Sòisealta, Ealain agus Cànain le cuideam air an Oirthir agus Afraga anns gach cuspair.

'S e leabharlann SOAS an ionad-ghoireasan aig Breatainn gu leir airson an Oirthir agus Afraga agus am fear as motha de sheors anns an Roinn Eòrpa.

Tha an sgoil air fàs gu mòr anns na bliadhnachan mu dheireadh; bho mu 1,000 oileanach ann an 1970 gu barrachd air 3,000 san latha an-diugh - le mu leth aca nan ollamhaich.

Tha dà ealanlann air an stèidheachadh aig a' cholaiste cuideachd: Am 'Percival David Foundation of Chinese Art' agus am 'Brunei Gallery'.

Tha SOAS mar is trìc air a mheas mar aon de na deich oilthighean as fhearr ann am Breatainn anns na clàran rangach aig na paipearan naidheachd.[1][2] Anns an 'Guardian', tha SOAS air a rangachadh anns an 4mh aite airson na trì bliadhna mu dheireadh agus anns a' chlàr rangach eadar-naiseanta aig an THES, tha e 44mh anns an t-saoghal, 11mh anns an Roinn Eòrpa agus 's e an 7mh oilthigh Breatannach air a rangachadh.

'S urrainn dhut seann oileanaich a lorg ann an iomadach ìre agus suidheachadh cùmhachdach ann an fòghlam, lagh, diplomasaidh, naidheachdas, riaghaltas, ionadan eadar-naiseanta, Buidhnean Neo-Riaghaltais (NGOan), bancaireachd, dualchas-ealain, na meadhanan agus oilthighean.

Daoine le Ceangal ri SOAS[deasaich | deasaich an tùs]

Luchd teagaisg[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. (17 January 2008) guardian.co.uk | Education. London: Browse.guardian.co.uk. A' tarraing air 29 April 2010. 
  2. "University League Table 2013". The Complete University Guide. A' tarraing air 3 July 2012.

Aistidhean Co-Cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]