Sgìre a Deas

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e an Sgìre a Deas a tha air aon den dà roinn de sgiobaidhean iomain ann an Alba. Air sgàth 's gu bheil cruinn-eòlas na Gaidhealtachd duilich a thoabh siubhal gu luath is gu furasta, airson adhbharan eachdraidheal chaidh an duthaich a roinn ann an dà roinn airson co-fharpaisean, leis na sgiobaidhean bhon dà roinn a' coineachadh a-mhàin anns na cuairtean deireannacha de cho-fharpaisean cuaich. Tha Sgìre a Deas a' sìneadh bho Baile a' Chaolais, a' toirt a-steach Latharna is Earra-ghaidheal agus a' Ghalltachd. Tha e cuideachd a' toirt a-steach sgiobaidhean bho thaobh a-muigh na h-Alba mar Camanachd Lunainn agus Na Highlanders.

A-nis, tha Prìomh Lige Nàiseanta ann do Iomain ach fodha seo tha ligean roinneil ann.