Seumas Dùghlas, Tighearna Dhùghlais

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Suaicheantas Sheumais Dhùghlais.

Bha Seumas Dùghlas (ris an canar cuideachd An Dùghlas Dubh no Guid Sir James) (1286 - 25 an Lùnasdal 1330), mac Uilleim Dhùghlais, na ridire aig àm nan Cogaidhean neo-eisimealachd anns an 14mh linn. Thachair e Raibeart Brus ann an 1306, nuair a bha Raibeart a' dol chun a' chrùnaidh mar rìgh na h-Alba ann an Sgàin, agus bha e fear de na ridirean a bu chudromaiche dha bho sin a-mach. Aig Blàr Allt a' Bhonnaich, bha e na cheann dhen sgiath chlì airm Albannaich. An dèidh do Raibeart Bhrus caochladh, bha Seumas Dùghlas a' giùlan a' chridhe aige do dh'Ierusalem, ach chaidh a mharbhadh leis na Mohamadanaich air an turas sin.